Main content
'S Truagh Nach Do Dh'fhuirich Mi Tioram Air Tìr
'S truagh nach do dh'fhuirich mi tioram air tìr,
'N fhìrinn a th' agam nach maraiche mi,
'S truagh nach do dh'fhuirich mi tioram air tìr,
Rim mhaireann cha till mise sheòladh.
Ruith na muic-mhara ri gailleann sa chuan,
Mo mheòirean air reothadh a dh'aindeoin a bhith cruaidh,
B' fheàrr a bhith 'n-ceartuair air acair air Chluaidh,
Na bhith dìreadh nan crann an South Georgia.
Dìle bhon t-sneachd 's tu gun fhasgadh on fhuachd,
D' aodann ga sgailceadh le fras bho gach stuagh,
'N t-airgead am pailteas 's gun dòigh a chur bhuat,
'S e sìor losgadh toll ann ad phòca.
Nuair gheibh sinn fòrladh 's nuair ruigeas sinn tràigh,
Falbhaidh an òinseach-sa còmhla ri càch,
Chosg mi de dh'airgead air cunntair a' bhàr,
A cheannaicheadh trì taighean-òsta.