Camanachd Ghlaschu
’S iad gillean mo rùn a’ thogadh mo shùnnd ’S i seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas duinn
’S iad gillean mo rùn a’ thogadh mo shùnnd
’S iad gillean mo ghràidh Tha ’n Glaschu nan sràid
Is fhada bho àit’ an eòlais iad
’S ann goirid ron Chaluinn a’ chruinnich an comann
’S a chuireadh an iomain an òrdugh leò
Nuair thàinig an t-àm
Gun chruinnich na suinn
’S bha caman an làimh gach òigeir dhiubh
’S e an sealladh as breagha
A chunnaic mi riamh
Gach òigeir gun ghiamh ’s a chòta dheth
’S ann an a bhan ’n ealain
Le glagadaich chamain
’S gach cuiridh cuir fallais is ceòthan deth
’S e duine gun tùr
Nach faiceadh le shùil
Gun robh iad bho thùs an òige ris
Nuair chuireadh am blàir
Gun choisich na sàir
Le pìob gu Sràid an Dòchais leo
Suidhibh a’ chlann
Is gabhaidh sinn rann
Gun cuirear an dram an òrdugh dhuibh
Gun dhealaich na suinn
Mar thàinig iad cruinn
Len crìdheachan coibhneil ’s b’ òrdail iad