Main content

Gleann Bhaile Chaoil

O nach robh mi thall sa ghleann a' fuireach,
O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil;
Nan robh mise thall sa ghleann a' fuireach
Chan fhàgainn e tuilleadh, gleann lurach mo ghaoil.

Sa mhadainn nuair dh'èirinn gun èislean, gun ghruaim,
'S e thug sòlas do m' inntinn bhith sealltainn riut suas;
Chan eil gleann eil' air Ghàidhealtachd bheir bàrr ort an snuadh;
Gur mis' tha fo chràdh-lot bhith 'n-dràst' cho fad uat.

Gleann farsaing, fìor mhonadh, dhìrinn e suas,
Gleann maiseach fìneagach 's mìorbhaileach tuar;
Ri samhradh is geamhradh do chleòca cho uain';
Chan eil nì a rinn nàdar nach fàs air do bhruaich.

'S e mo mhiann is mo dhùrachd bhith dlùth dhut a ghnàth
'S a bhith cuallach na sprèidhe mach rid rèidhleanan àrd;
Iad a' mireag 's a' leumraich, iad fèin 's an cuid àil,
'S bu bhinn' leam an geumnaich na teudan nan clàr.

Nuair dh'èireas a' ghrian bu chiatach bhith ann,
'S i cho fial, flathail, coibhneil, a' boillsgeadh air chrann;
I dùsgadh nan lòn-dubh 's nan smeòrach air ghèig
Cur fàilte len ceòl air a mòrachd san speur.