Oidhche Shamhna
Fiona NicChoinnich le blasad beag de na b' Ã bhaist a bhith dol air Oidhche Shamhna. Fiona Mackenzie examines Hallowe'en customs in the School of Scottish Studies archives.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Bha Oidhche Shamhna a-riamh cudromach san t-seann saoghal Ceilteach le creideasan sònraichte co-cheangailte rithe agus gheibh sinn cuid dhiubh bho Fiona NicChoinnich a seo.
Cluinnidh sinn Duan Samhna a bhiodh aca am Barraigh bho Mhà iri NicCarmaig, Meiseag Ruairidh Eòin neo Bean Ìobaig, à Earsaraidh; cleachdaidhean leithid fuarag agus gèam air a robh 'Cò tha siud aig ceann mo ròpa?' a bhiodh aca ann a Bhatarsaigh aig Nan NicFhionghuin, Nan Eachainn Fhionnlaigh; mu bhonnach salainn agus cleachdaidhean eile a bhiodh aca sna Hearadh bho Chairistìona Sheathach, Cairistìona Dhòmhnaill Duinn; à Sollas innsidh Mà iri Mairead NicIllEathain, Mà iri Margaret Dhomhnaill Linc ciamar a bha a' chlann-nighean a' faighinn a-mach cò a bha iad a' dol a phòsadh; an Taigh an Uillt bha a' bhean-phòsta Caimbeul ag innse na bhiodh iad ris na h-òige fhèin agus bho Thormod Mac a' Mhaoilein, Tormod Ruadh cluinnidh sinn 'mun iomadach cron' ris a robh e fhèin 's balaich eile am Beinn na Fadhla.
Gheibh sinn òran mu chleas eil a bhiodh aig na balaich gu h-à raid oidhche Shamhna, a' goid a' chà il, bho Aonghas MacIllFhialain à Mira an Alba Nuadh a rinn Aonghas Caimbeul à Beinn na Fadhla.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 28 Oct 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 28 Oct 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Oct 2021 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal