Òrain Sheumais 'an Sheumais à Tobhta Sgòir
Na h-òrain a thogadh bho Sheumas Dòmhnallach, Seumas 'an Sheumais à Tobhta Sgòir. Le Eòin Dòmhnallach. Jonathon MacDonald brings us songs sung by James MacDonald, Totescore, Skye.
Chaill saoghal na Gà idhlig fear de churaidhean an dualchais agus fìor dhuine uasal aig deireadh na seachdain, le bàs Eòin Dhòmhnallaich à Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach. Bha am prògram sa, a rinn e ann an 2001, sa chlà r airson a chraoladh an-diugh agus tha sinn a' dèanamh sin mar chuimhneachan air.
'S ann air cuid de na h-òrain a chaidh a chruinneachadh anns a' sgìre aige fhèin a bha Eòin a' coimhead a seo. B' ann à Tobhta Sgòir a bha Seumas Dòmhnallach, Seumas 'an Sheumais, croitear agus seinneadair, mar a tha Eòin ag rà dh, 'dha nach robh an saoghal mòr mun cuairt a' dèanamh a bheag de dhragh dha'. Seinneadair air leth a bh' ann agus fear a bha cuideachd a' pìobaireachd agus a' cluich an fheadain na òige.
Cluinnidh sinn bhuaithe na h-òrain Àirigh Luachrach Ùige, ’S toigh leam an tè Dhìleas Dhonn, na puirt-a-beul Maoileas Mòr na Guailne/ Seoc Dubh on Bhail’ ud Thall, an t-òran annasach Mur Bhiodh an Crodh cha Ghabhainn thu, Fà ilte dhut is Deoch-slà inte Leat ( mu Sheasaidh Bhaile Rà ghnaill ), Ho mo Leannan He mo Leannan agus an t-òran iomraidh, Iomairibh Eutrom o ho.
Last on
Eòin Dòmhnallach
Broadcasts
- Thu 21 Oct 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 21 Oct 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Oct 2021 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal