Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Aithris Fhèin

Tha Jo NicDhòmhnaill a' taghadh bàird 's bana-bhàird ag aithris 's a seinn an obair fhèin. Jo Macdonald selects poets reciting or singing their own work.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

Mar a tha Jo NicDhòmhnaill ag ràdh a seo, tha rudeigin sònraichte mu bhith 'g èisteachd ri bàrd neo bana-bhàrd ag aithris neo a' seinn dàn a chruthaich e neo i fhèin. Tha i air cuid air a bheil sinn eòlach agus 's dòcha cuid air nach eil sinn cho buileach eòlach a thaghadh dhuinn à tasglann na Sgoile.

Bho Pheigi NicChoinnich às a' Rubha a Leòdhas gheibh sin òran, Caoidh nam Fear Treuna, rinn i às dèidh an Dàrna Cogaidh; aig Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Ruadh Chorùna cluinnidh sinn bàrdachd a rinn e sna trainnsichean ann a 'Nam Bithinn mar Eun' agus bàrdachd eile a rinn e mu shealg, 'Gunna Bheòil Chaoil'; seinnidh Murchadh MacPhàrlain an t-òran aige fhèin ’S fhada leam an Oidhche Gheamhraidh; aithrisidh Cairistìona NicDhòmhnaill, Cairistìona Drogaidh à Nis a bàrdachd 'Ciaradh an Fheasgair'; aig Pàdraig Moireasdan às à Rubha Bhuidhe an Griomasaigh an Uibhist a Tuath cluinnidh sinn Moladh Uibhist; bho Mhàiri NicIllEathain à Cnoc Chuidhein an Uibhist gheibh sinn 'Aon latha ’s mi Gabhail Sràid tron Ghleann' agus tha Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir le 'Fàilte an Diabhail don Droch Dhuine'.

30 minutes

Last on

Sun 7 Nov 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 4 Nov 2021 12:00
  • Thu 4 Nov 2021 22:00
  • Sun 7 Nov 2021 09:30