Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Dr Donnchadh Sneddon, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Dr Donnchadh Sneddon bho Eaglais na h-Alba. Dr Duncan Sneddon from the Church of Scotland conducts this week's Gaelic Service.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 119: 105-107 air fonn Moravia agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ùige an Eilean Sgiathanaich.
Psalm 102: 16-18 air fonn Stornoway agus ‘s e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Allt Bheithe
Salm 24: 1-2 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Òib.

Leughadh: Marcus 1: 1-13

Ceann-teagaisg: Marcus 1: 9-13

Rugadh Donnchadh Sneddon ann an Dùn Èideann agus chaidh a thogail ann am Pagastan, far an robh a phàrantan nam miseanaraidhean le Eaglais na h-Alba. Thog e a chuid Ghàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann, far a bheil e a-nis ag obair mar neach-rannsachaidh ann an Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba. Tha e na bhall den choitheanal Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath, far a bheil e a' searmonachadh bho àm gu àm. Tha e air comataidh Gàidhlig Eaglais na h-Alba, agus bho 2019-2020 bha e ag obair mar Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig airson na h-Eaglaise.

30 minutes

An Dr Donnchadh Sneddon

An Dr Donnchadh Sneddon

Broadcasts

  • Sun 27 Jun 2021 09:00
  • Sun 27 Jun 2021 15:00