An t-Urr Coinneach D MacLeòid, Eaglais na h-Alba
Seibheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Coinneach D MacLeòid, Eaglais na h-Alba. Gaelic service conducted by Rev Kenneth D MacLeod, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 12-13 air fonn Morven agus ‘s e Torcuil Macleòid a tha os cionn na seinn le taic cho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 113: 6-8 air fonn Dundee agus ‘s e Aonghas MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 40: 1-3 air fonn St David agus ‘s e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chaoil.
Leughadh: Eòin 5: 1-15
Ceann-teagaisg: Eòin 5: 5-8
'S ann do sgìre Shiadair air taobh siar Eilean Leòdhais a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Dh' fhà g e an sgoil aig 15 agus chaidh e a dh'obair ann am bùth agus oifis puist an teaghlaich ann an Siadar agus bhiodh e a' siubhal le bhan timcheall bailtean an taobh siar eadar Gabhsann is Barabhas. Chaidh a' bhùth a reic agus chaidh esan air ais dhan sgoil. Chaidh e a Sgoil MhicNeacail agus às an sin chaidh e a dh'Oilthigh Ghlaschu mus tà inig e a-mach na mhinistear.
Bha e na mhinistear ann an sgìre Bheà rnaraigh ann an Leòdhas fad deich bliadhna. 'S e Beà rnaraigh a' chiad choitheanal a bh' aige às dèidh dha thighinn a-mach na mhinistear. Chaidh e an uairsin a dh’ Inbhir Ghòrdain far an robh e airson fichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2019.
Tha Mgr MacLeòid pòsta aig Kathleen agus tha triùir chloinne aca, Daibhidh, Mà iri agus Rut.
Last on
An t-Urr Coinneach D MacLeòid
Broadcasts
- Sun 20 Jun 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Jun 2021 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal