An t-Urr Uisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheà rnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland Minster for Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus ‘s e Aonghas MacillEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alb an Ùige, Leòdhas.
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus ‘s e Iain G Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd Eaglais Steòrnabhaigh.
Salm 24: 1-2 air fonn Torwood agus ‘s e Uilleam Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Mata 18: 1-14
Ceann-teagaisg: Mata 18
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus taic mhòr dha agus e a’ leantainn a dhreuchd ùr.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig is Bheà rnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus à ite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh à ite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comanachaidh aig an à m sin.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teà rlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 26 Sep 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Sep 2021 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal