Main content
Sorry, this episode is not currently available

Puirt-a-beul

Mòrag Nicleòid à Sgalpaigh 's Iain Seathach à Ceap Breatainn le taghadh de phuirt-a-beul. Morag Macleod and John Shaw bring us some mouth music from the School of Scottish Studies.

Fad na bliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e seanchas mu chuid de na puirt-a-beul a chaidh a chruinneachadh leis an Sgoil a th' aig Mòrag Nicleòid à Sgalpaigh agus am fidhlear, Iain Seathach à Ceap Breatainn, a bha le chèile ag obair sa Sgoil, dhuinn a seo.

Tha còmhradh aca an toiseach mun phort 'The High Road to Linton', a tha Seumas Dòmhnallach agus Dòmhnall Dòmhnallach à Lochabar a' cluich air an fhidheall agus a tha Calum MacIllEathain à Tiriodh a' seinn ann an Gàidhlig, agus an liuthad ainm eile air a bheil e aithnichte agus na facail eadar-dhealaichte a th' air an òran air gach taobh den chuan.

A thuilleadh air a sin, tha puirt aca air an togail an Àrasaig, am Muile, an Uibhist a Tuath, an Aichillidh Bhuidhe, am Malaig, a Leòdhas agus san Eilean Sgitheanach.

30 minutes

Last on

Sun 14 Mar 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 11 Mar 2021 12:00
  • Thu 11 Mar 2021 22:00
  • Sun 14 Mar 2021 09:30