Annas Ã’rain
Taghadh òrain annasach aig Jo NicDhòmhnaill às na chruinnich Sgoil Eòlais na h-Alba. Jo Macdonald presents a selection of some unusual songs from the School of Scottish Studies.
Fad na bliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S e taghadh de dh' òrain annasach às na chruinnich an Sgoil a th' aig Jo NicDhòmhnaill a seo.
Tha i a' tòiseachadh le 'Nuair fhuair thu ’n coinneanach' air a sheinn le Iain MacDhonnchaidh, Johnny à Muile. Tha riochd anà bhaisteach air 'Fà ilte Rubha Bhatarnais' air a ghabhail le Iain Macleòid, Iain Ruaraidh Chaluim Bhà in à Gleanndail a chuala e aig brà thair a mhà thair, Iain MacFhearghais a rinn an t-òran. Ann a 'S ann aig Port Taigh na h-Airigh tha te a’ caoidh fear a chaidh a bhà thadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist 's e air a ghabhail le Mà iri NicAonghais, Mà iri Bhà n Aonghais Chuagaich san Ardmhòr san Iochdair.
Sgrìobh Iain MacAonghais, Iain Pheadar na h-òrain aig Seonaidh Caimbeul, Seonaidh Mac Dhòmhnail ‘ic an Bhà in a Taobh a Deas Loch Baghasdail agus chaidh leabhar a dhèanamh dhiubh. Ann an Òran nan Giomach, air a ghabhail le Iain, tha am bard a’ gearan cho doirbh ‘s a bha cosnadh a dhèanamh ag iasgach ghiomach.
Tha sinn a' leantainn turas te de bhà taichean Mhic a' Bhruthainn, an Claidheamh Mòr à Glaschu chun Òban ann an òran le Mà iri Mhòr nan Òran agus Iain MacFhionghain, Iain Lachlainn à Bhatarnais dha ghabhail.
Chruinnich Catrìona Dhùbhghlas às an Eilean Sgitheanach mòran òrain anns a nà bachd aice fhèin, nam measg 'Rìgh gur mis’ th’ air mo sgaradh' far a bheil am bà rd a’ gabhail an aithreachais gun phòs e te nas sine.
'S ann aig Anna Mhoireasdan às an Iochdair a tha 'Cha dèan mi 'n obair' agus aig Dòmhnall Iain MacIllEathain à Beà rnaraigh na Hearadh a tha Fil òro, Fil òro.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 4 Mar 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 4 Mar 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Mar 2021 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal