Leadaidh Eibhlin Stiùbhart Moireach
Tony Dilworth a' coimhead air beatha Leadaidh Eibhlin Stiùbhart Moireach à Athall. Tony Dilowth examines the life and work of Lady Evelyn Stewart Murray of Atholl.
Fad na bliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
A seo tha Tony Dilworth, a bha ag obair do Sgrùdadh na Gà idhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann sna 50an, a' coimhead air an obair-cruinneachaidh a rinn Leadaidh Eibhlin Stiùbhart Moireach à Athall. Tha e a' toirt dhuinn eisimpleirean de bhà rdachd agus sgeulachdan bho na là mh-sgrìobhainnean aice, a chruinnich i bho luchd-bruidhinn na Gà idhlig ann an Siorrachd Pheairt ann am meadhan na 19mh linn.
B' i Leadaidh Eibhlin, nighean an t-seachdamh Dìuc Athaill, agus bha i beò bho1868 gu1940. Chaidh i fhèin ‘s a peathraichean ‘s a brà ithrean a thogail le muimean bhon dùthaich aig a robh Gà idhlig Pheairt agus bhruidhneadh i i gu fileanta, mar a bhruidhneadh an Dìuc fhèin. Bha difir ge-tà eadar mithean agus maithean agus bha gu h-à raid mà thair Leadaidh Eibhlin a’ faireachdainn gu feumadh an dà chuid cuimhneachadh air an à ite a bh’ aca, rud ris nach robh Leadaidh Eibhlin a’ gabhail idir agus a dh’adhbhraich sgaradh san teaghlach a mhair fad a beatha. Bha Leadaidh Eibhlin a’ toirt taic mhòr dhan Ghà idhlig agus thòisich i a’ cruinneachadh beul-aithris na sgìre anns a’ Ghiblein 1891 ann an Athall, Gleann Lìomhainn, Srath Teimheil agus Rannach a’ togail 250 pìos eadar-dhealaichte. Chuir i seachad a‘ chuid bu mhotha dhe beatha san Roinn Eòrpa - sa Bheilig, san Eilbhis san Fhraing - leis gun dh’fhà g i Athaill nuair a bha i òg agus cha do thill i gun deach a tiodhlacadh ann an Cladh Tìr Ìngnidh, faisg air Caisteal Bhlà ir.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 18 Mar 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 18 Mar 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Mar 2021 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal