…na Seumasaich air buannachadh ann an 1746?
Ann an 1746, chaill na Seumasaich Blà r Chùil Lodair. Ach dè nan robh iad air buannachadh? In 1746, the Jacobites lost the Battle of Culloden. But what if they had won?
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a’ tomhas nan rathaidean eile a dh’ fhaodadh eachdraidh a bhith air a ghabhail anns an t-sreath ùr seo le cèist eadar-dhealaichte aige dha fhaighneachd gach seachdain.
Ann an 1745, dh’ èirich na Seumasaich an aghaidh rìgh Bhreatainn son an turas mu dheireadh. B’ ann air a’ Ghà idhealtachd a bha mòran dhen luchd-taic aca, agus lean arm Gà idhealach Teà rlach Òg Stiùbhart, a thà inig às a’ Fhraing airson an crùn a chosnadh dha athair. Bha iad airson na Stiùbhartaich a thilleadh gu cumhachd ann am Breatainn, is an Rìgh Deòrsa a chuir air ais dhan a’ Ghearmailt.
Ged a shoirbhich leotha an toiseach an Alba, agus ged a theab iad dèanamh air Lunnainn fhèin, cha deach leotha. Ann an 1746, air taobh-tha-muigh Inbhir Nis, chaill iad gu dona aig Blà r Chùil Lodair. Às dèidh sin, dh’ atharraich cor agus còirichean nan Gà idheal gu tur.
Ach dè nan robh Bliadhna Theà rlaich air a dhol le Teà rlach? Dè nan robh na Seumasaich air ruaig a chur air an arm rìoghail? Dè nan robh an iomairt, an ar-a-mach, agus am blà r air a dhol gu tur an taobh eile?
Cluinnidh sinn beachdan dhithis eòlaichean air cuin agus ciamar a dh’ fhaodadh an eachdraidh againn a bhith air atharrachadh: an t-Oll. Raghnall MacIlleDhuibh, agus Mà iri Anna NicUalraig. Dè a tha iad fhèin a’ smaoineachadh a bhiodh air tachairt, nan robh na Seumasaich air codhunaidhean eile a dhèanamh, neo nan robh an t-arm dearg air mearachdan eile a dhèanamh?
Last on
Broadcasts
- Tue 27 Oct 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 27 Oct 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Nov 2020 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 28 Dec 2020 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 11 Apr 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Apr 2022 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Apr 2022 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal