...na Seann Ghreugaich air call aig Salamis?
Dè nan robh na Seann Ghreugaich air na cogaidhean an aghaidh Persia a chall ann an 480 BC? What if the Ancient Greeks had lost the Persian Wars at the Battle of Salamis, in 480 BC?
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a’ tomhas nan rathaidean eile a dh’ fhaodadh eachdraidh a bhith air a ghabhail anns an t-sreath ùr seo le cèist eadar-dhealaichte aige dha fhaighneachd gach seachdain. An t-seachdain sa: dè nan robh blà r o chionn 2500 bliadhna air a dhol an taobh eile?
Ann an 480 BC bha ìmpireachd Phersia a’ feuchainn ris a’ Ghrèig a’ smachdachadh. Aig an à m, b’ i Persia a’ rìoghachd a bu mhotha air thalamh – agus bha amasan aice sgaoileadh air feadh na Roinn Eòrpa agus Àisia.
Bha barrachd shaighdearan, barrachd airgid, barrachd shoithichean, agus barrachd cinnt aig na Pèirsich. Ach aig muir, ann am Blà r Shalamis, sgrios na Greugaich cabhlach cogaidh nam Pèirseach. Chuir sin às do dh’amasan nam Pèirseach, agus dhùisg e linn òr nan Seann Ghrèugach – a thug dhuinn feallsanachd, deamocrasaidh, agus tomhais dhar briathrachas an-diugh cuideachd.
Ach, dè nan robh Blà r Shalamis air a dhol an toabh eile? Dè nan robh na Pèirsich air soirbheachadh. Cò ris a bhiodh ar saoghal coltach, gun Linn Òr na h-Àithne, neo Aristotle?
Còmhla ri criomagan naidheachd a tha a’ toirt beò seann eachdraidh dhuinn, tha Mà iri NicLeòid agus Dòmhnall MacLeòid a’ freagairt nan ceist sin – agus a’ fosgladh ar sùilean gu cho faisg is a thà inig ar saoghal bho bhith uile-gu-lèir eadar-dhealaichte.
Last on
Broadcasts
- Tue 10 Nov 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 10 Nov 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Nov 2020 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 29 Dec 2020 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 18 Apr 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Apr 2022 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Apr 2022 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal