... am Morair Leverhulme air soirbheachadh ann a Leòdhas?
Dè nan robh am Morair Leverhulme air gnìomhachasan mòra a thoirt a Leòdhas às dèidh 1918? What if Lord Leverhulme's schemes had industrialised Lewis after the First World War?
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a’ tomhas nan rathaidean eile a dh’ fhaodadh eachdraidh a bhith air a ghabhail anns an t-sreath ùr seo le cèist eadar-dhealaichte aige dha fhaighneachd gach seachdain.
Às dèidh a’ Chiad Chogaidh, dh’ fheuch am Morair Leverhulme ri Leòdhas agus na Hearadh atharrachadh gu tur. B' e ceannaiche siabainn à Lancashire a bh’ ann dheth, fear a rinn fortan ann an siabann is bùithtean. Bho shrà idean Shasainn gu coilltean a’ Chongo, bha e air soirbheachadh gu seo.
Bha a shùilean a-nise air Eilean an Fhraoich, far an robh e airson an iasgach a chleachdadh gus factaraidhean, rathaidean, calaichean agus loidhnichean-rèile a thogail. Ach bha e airson smachd a chumail air an fhearann cuideachd, ann an eilean a bha fhathast gu mòr an urra ri croitearachd mar dhòigh-beatha.
Ach chaidh cùisean gu math ceà rr dha nuair a thionndaidh an eaconamaidh agus na croitearan na aghaidh. Ach, dè nan robh e air soirbheachadh?
Anns a’ chiad phrògram anns an t-sreath, tha na h-eòlaichean an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Coinneach MacMhathain, agus Joni Bhochanan a’ beachdachadh air dè a bhiodh air tachairt, nan robh an eachdraidh air a bhith le Leverhulme. Dè seòrsa eilean a bhiodh againn an-diugh? Agus ciamar a bhiodh Leverhulme air a chuimhneachadh am measg nan Leòdhasach?
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 20 Oct 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 20 Oct 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Oct 2020 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2020 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 4 Apr 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Apr 2022 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Apr 2022 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal