Bàrd Chnoc Chùsbaig
Peigi NicCoinnich à Siadar an Rubha le eachdraidh 's bàrdachd Bàrd Chnoc Chùsbaig. Peggy MacKenzie tells Jo MacDonald about her great-uncle, William MacKenzie's poetry.
Rugadh Uilleam MacCoinnich, Bàrd Chnoc Chùsbaig ann a Siadar a Rubha a Leòdhas ann an 1857. Bha seachdnar san teaghlach, sianar bhalach agus aon nighean, agus bha triùir dhe na mic ri bàrdachd. B’ e Uilleam a b’ òige dhiubh agus cha robh e ach na leanabh nuair a chaidh athair agus dithis bhràithrean dha a bhàthadh ’s iad a-muigh ag iasgach le lìn-mhòra.
Phòs Uilleam Màiri nighean Alasdair MhicAoidh à Garrabost, an ath bhaile, agus coltach ri dithis bhràithrean dha, Iain agus Murchadh, rinn iad an dachaigh ann an Siadar, mar a tha e fhèin ag ràdh “eadar a’ Bhuail’-fheòir agus Cnoc Chùsbaig”.
Bha ceathrar chloinne aig Uilleam agus Màiri - triùir mhac, Dòmhnall, Iain agus Alasdair a chaochail mus robh e bliadhna a dh’aois, agus aon nighean air an robh Oighrig. Cha robh Mairi a-riamh làidir ach fhuair iad fichead bliadhna còmhla ri chèile mas do sgar am bàs iad. An dèidh bàs am màthar thog an teaghlach orra a Chanada agus lean Uilleam iad gu Thunder Bay - Fort William an latha ’n-diugh - ann an Ontario, far an chaochail e-fhèin ann an 1907.
Ann an 1936 chaidh leabhar den bhàrdachd aige fhoillseachadh, air a dheasachadh le Peigi NicCoinnich, Peigi Chaluim Iain. B’ e bràthair a seanair a bh’anns a’ bhàrd agus bha i fhèin na bana-bhàrd.
Chaidh Jo NicDhòmhnaill a bhruidhinn ri Peigi ann a 1988 mu gach cuid bàrdachd Bàrd Chnoc Chùsabig agus a bàrdachd fhèin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 22 Oct 2020 12:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Oct 2020 22:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Oct 2020 09:30鶹 Radio nan Gàidheal