Air tòir a' Bhismarck
Dithis à Lèodhas a bh' air bòrd soithichean a chur am Bismarck fodha san Dà rna Cogadh. Catriona Johnston speaks to two crewmen who were on the ships which sank the Bismarck.
B' e am Bismarck soitheach cogaidh cho ainmeil 's a bh' aig na Gearmailtich san Dà rna Cogadh. Thòisichear ga togail ann a Hamburg ann an 1936 agus a chaidh a’ cur air bhog trì bliadhna às dèidh sin. Bha i cumhachdach anns a h-uile dòigh. Bha i còrr is 800 troigh a dh’fhaid, comasach air siubhail aig beagan is 30 mìle-mara san uair agus armaichte le ochd gunnaichean mòra.
Bha amas sònraichte aig a' Bhismarck agus sin gach bà ta bathair is eile a bha a’ frithealadh Bhreatainn a chur fodha.
Air 21mh den Chèitean 1941 chunnaic plèanaichean Breatannach gu robh am Bismarck aig muir far costa Bergen, Nirribhidh agus chaidh cha mhòr gach bà ta-cogaidh sa Chabhlach Rìoghail sa spot air a tòir. Trì latha às dèidh sin lorg dà chrùsair, an HMS Hood agus HMS Prince of Wales, i far costa Innis-Tìle. Ged a bha a Hood mòr cumhachdach i fhèin, bha i còrr is fichead bliadhna nas sinne na am Bismarck agus às dèidh batal brùideil chuir am Bismarck a Hood fodha. Cha deach a shà bhaladh ach triùir a-mach as na còrr air 1400 a bh’ air bòrd.
Bha a’ Chabhlach Rìoghail a-nis air fad às dèidh a' Bhismarck agus air feasgar 26mh den Chèitean lorg an crùsair HMS Sheffield i agus thòisich iad ri leantainn. Bha na bà taichean-cogaidh HMS King George V agus HMS Rodney a’ teannadh faisg cuideachd agus mu dheireadh, an ath mhadainn, às dèidh dha na trì bataichean milleadh mòr a dhèanamh oirre chaidh am Bismarck a chur fodha.
An-diugh tha Catrìona NicIain a' cluinntinn bho dhithis à Lèodhas a bh' air bòrd nan soithichean sin - Anndra MacÌomhair à Tolastadh bho Thuath, a bha ri obair radar, a bh’ air bòrd HMS Sheffield agus Dòmhnall Macleòid, Dòmhnall Shamsoin à Suaineabost, Nis a bh' air HMS Rodney.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 29 Oct 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 29 Oct 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Nov 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal