Mòr Nicleòid air Bà rd Iarsiadar
Mòr Nicleòid le bà rdachd agus eachdraidh Iain Mhic a' Ghobhainn, bà rd Iarsiadar. Marion Macleod tells Neen Mackay about her fellow villager, John Smith's life and poetry.
Rinn Iain Mac a' Ghobhainn, Seonaidh Phà draig, Bà rd Iarsiadar diofar sheòrsaichean bà rdachd - òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine leithid Òran an t-Seana Ghille, dà in sa bheil e ag innse seann sgeulachdan agus grunn dhà in fhada dhomhainn, leithid Spiorad a' Chathrannais, pìos cho ainmeil 's a rinn e. Anns a' bhà rdachd aige chì sinn gu robh taobh mòr aige ri daoine bochd agus ri strì an fhearainn ged is ann do mhuinntir an tac a bha e fhèin. Rugadh e ann an Iarsiadair a Leòdhas ann an 1848. B' e athair Pà draig Fhearchair aig a robh tac Iarsiadair, agus b' i a mhà thair Seònaid Dhoiligean à Tà cleit , a bhà saich agus e na leanabh. Cha robh a bheatha furasta le dìth na slà inte agus a seo tha Mòr Nicleòid, i fhèin à Iarsiadar, ag innse eachdraidh a bheatha agus a' breithneachadh air a bhà rdachd dha Neen Nicaoidh ann an 1988.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 15 Oct 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 15 Oct 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Oct 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal