Seonaidh MacAmhlaigh, Iollaraigh, Uibhist a Tuath
Seonaidh MacAmhlaigh, Seonaidh Dhòmhnaill Iain a’ Mhachaire le eachdraidh Iollaraigh. John Macaulay discusses the history of Iollaraigh in North Uist with Jo MacDonald.
Tha cuimhne aig Jo NicDhòmhnaill fhathast air cho brèagha ’s a bha am feasgar a chaidh i a shealltainn air Seonaidh MacAmhlaigh, Seonaidh Dhòmhnaill Iain a’ Mhachaire. B’ e Ùisdean Sheumais a bha air a stiùireadh thuige is Seonaidh aithnichte mar dhuine a bha mion-eòlach air eachdraidh na sgìre aige fhèin.
Rugadh is thogadh Seonaidh MacAmhlaigh air machair Iollaraigh, air eilean a’ Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Bha athair Sheonaidh, Dòmhnall Iain a’ Mhachaire mar a chante ris, na sheanchaidh air leth agus tha e coltach gu robh an dachaigh sna thogadh Seonaidh aoigheil is fialaidh agus, ged a bha Dòmhnall a’ Mhachaire air a fhradharc a chall na sheann aois, bha daoine, sean agus òg, fhathast a’ dèanamh staran chun an taighe, nuair a bha seanchas no fiosrachadh a dhìth.
Chan eil teagamh nach do thog Seonaidh mòran eachdraidh is beul-aithris dha gach seòrsa bho athair agus ‘s dòcha bho mhà thair, oir bhuineadh Raonaid dhan a’ Bhaile Shear cuideachd. Mar sin cha robh duine na b’fheà rr na Seonaidh airson innse do Jo mu Iollaraigh, baile a tha cho sean ri gin ann an Uibhist a Tuath.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 8 Oct 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 8 Oct 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Oct 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal