Niall Moireasdan, BÃ rd Phabaigh
Dòmhnall 'Shà m' Dòmhnallach le eachdraidh is òrain Nèill Mhoireasdain, Bà rd Phabaigh. Donald MacDonald tells of Neil Morrison, the Pabay Bà rd's life and songs.
Rugadh Niall Moireasdan, bà rd Phabaigh neo Bà rd Chleite na Dubhchadh, bho chionn còrr is dà cheud bliadhna ann an Sgarastadh Bheag, dìreach beagan mhìltean bhon t-seann dachaigh aig Ceitidh Anna NicChoinnich ann a Horgabost sna Hearadh.
B’ ann ri cìobaireachd chaorach a bha Niall fad a bheatha 's chuir e seachad bliadhnaichean ann an Eilean Phabaigh ag obair do na Stiùbhartaich aig an robh an t-eilean aig an à m. Sin far an do rinn e mòran de na h-òrain ‘s ainmeile aige mar ‘Òran a’ Chianalais’ agus ‘Òran an Eagail’. Chaidh suas ri fichead de na h-òrain aige fhoillseachadh ann an Leabhar nan Gleann ann an 1898. B’ e fear Seòras MacEanraig a chruinnich iad ‘s e air tadhal air Mòr, nighean a’ bhà ird anns an dachaigh teaghlaich aca, a bha an uair sin ann an Cleite na Dubhchadh.
Tèile aig an robh ùidh mhòr anns a’ bhà rdachd aige, agus a fhuair èolas air Mòr a’ Bhà ird mun à m sin, 's i Seònaid 'an 'ic Ailein à Liceasto - seanmhair Dhòmhnaill Dhòmhnallaich air taobh a mhà thair. S' esan Dhòmhnaill Shà m a tha a' fuireach an ath dhoras do sheann dachaigh Ceitidh Anna ann a Horgabost. Tha e coltach gun robh cuimhne mhìorbhaileach aig Seònaid, ‘s gu dearbh tha sin air leantainn anns na daoine.
Mar sin, cha robh duine na b'fheà rr na Dòmhnall Shà m airson sgeulachd a' bhà ird Phabach no Bà rd Chleite na Dubhchadh innse do Cheitidh Anna - neo airson na h-òrain aige a sheinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 10 Sep 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Sep 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Sep 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal