Dithis a bha nam balaich air Hiort
Dithis bhrà ithrean a chuir seachad trì bliadhna air Hiort nam balaich. Two brothers who spent three of their childhood years on St Kilda while their father worked there.
Air 29mh den Lùnastal 1930 dh’fhà g na daoine mu dheireadh Hiort air bòrd a’ bhà ta Harebell. A seo cluinnidh sinn bho dhithis bhrà ithrean a bha a'fuireach air Hiort airson trì bliadhna fhads a bha an athair ag obair ann - agus fear dhiubh a fhuair cothrom tilleadh ann bliadhnaichean às dèidh din
Rugadh an t-Urr Coinneach MacLeòid ann an Glaschu ach ‘s ann à Beà rnaraigh na Hearadh a bha athair, Seonaidh Dhòmhnaill Chaluim agus a’ mhà thair Ceit, às an Òb sna Hearadh. Cha robh Coinneach ach na chnapach nuair a bhà saich a mhà thair, bha a bhrà thair Ailig John rud beag na bu shine agus a phiuthar Criosaidh na leanaibh agus thug an athair a theaghlach òg dhachaigh a Bheà rnaraigh far an robh dlùth chà irdean aige fhathast.
Bha Seonaidh air an obair a bh’ aige a leigeil seachad, air a dhol air a mhisean agus air gabhail ri dreuchd miseanaraidh agus maighstir–sgoile ann a Hiort. Bha e cumanta gu leòr an dà dhreuchd a bhith an urra ris an aon neach ann an à itichean iomalach aig à m.
A seo bha Mairead NicIllFhinnein a’ seanchas ri Coinneach agus Ailig John mu na cuimhneachan a bh’ aca air an eilean air na chuir iad seachad trì bliadhna nam balaich òga a’ dol dhan sgoil.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 3 Sep 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Sep 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Sep 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal