Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich
Na bha a' gluasad Dhòmhnaill Ailean Dòmhnaill na Bainich gu bà rdachd. Donald MacDonald from Daliburgh, South Uist discusses with Chris Dillon the inspiration behind his poetry.
Rugadh am bà rd Dòmhnall Ailean Dòmhnaill na Bainich, Dòmhnall Dòmhnallach, ann an Dalabrog an Uibhist Deas ann an 1906.
Thòisich e ri bà rdachd na dheugaire agus lean e ris, chun na h-ìre agus gun choisinn e Crùn na Bà rdachd le 'Aiseirigh a' Bheachain' aig Mòd Dhùn Dèagh ann an 1959; bà rdachd a’ meòrachadh air obair nà dair ‘s e a’ coimhead, mar a thuirt e fhèin, ‘feachd’ sheillein trang am measg shìtheanan. Cha do rinn e mòran bà rdachd às dèidh sin ach tha còig deug air fhichead ri lorg ann a leabhar, Òrain Dhòmhnaill Ailean Dhòmhnaill na Bainich, a chaidh a dheasachadh leis a’ Chanan Iain Aonghas Dòmhnallach ann an 1999. Am measg nan òran as anmeile a rinn e tha Òran Uibhist agus Gruagach Òg an Fhuilt Bhà in.
Ann an 1988 chaidh Crìsdean Dillon a shealltainn air Dòmhnall an Inbhir Nis agus bhruidhinn iad air a bhà rdachd ann an doimhneachd.
Last on
Broadcasts
- Thu 17 Sep 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 17 Sep 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Sep 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal