Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis bhon a' Chòmhdhail Cheilteach 2005

Seirbheis à tasglann a' BhBC bhon a' Chòmhdhail Cheilteach anns an Ã’ban ann an 2005. Gaelic service from Â鶹Éç archives recorded at the Celtic Congress in Oban in 2005.

Air an t-seachdain seo, cluinnidh sinn seirbheis a chaidh a chlàradh aig a' Chòmhdhail Cheilteach san Òban ann an 2005. Os cionn na seirbheis bha an Dr Urr Ruairidh MacLeòid agus an Canan Dòmhnall MacAoidh. Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 23: 102 air fonn Evan agus ‘s e an Dr Urr Ruairidh MacLeòid a tha os cionn na seinn.

Pòl MacCaluim a’ seinn Reul Àlainn a’ Chuain
Maeve NicFhionghuin a’ seinn Laoidh an Iasgair
An coitheanal a’ seinn An Gràdh tha Naomh, An Gràdh tha Òirdheirc

Leughadh:
Leabhar nan Gnìomharan 2: 1-11 agus a’ leughadh bha an Canan Dòmhnall MacAoidh

Ù°ù²Ô²¹¾±²µ³ó±ð²¹²Ô:
Air an leughadh le riochdairean bho na difir dhùthchannan Ceilteach - Alba, Èireann, a' Bhreatainn Bhig agus Eilean Mhanainn.

Chuireadh a’ Chòmhdhail Cheilteach air chois ann an 1902 gus eòlas air cànain agus dualchas nan sia dùthchannan Ceilteach a chur am meud agus gus cothrom a thoirt do dhaoine a bhith gan cleachdadh agus a’ cur meas orra. Bidh na meuran nàiseanta dhen Chòmhdhail a’ coinneachadh mar Chòmhdhail Eadar-nàiseanta gach bliadhna gus cuideachadh ann a bhith a’ cur nan amasan seo air adhart.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 9 Aug 2020 21:00
  • Sun 16 Oct 2022 09:00
  • Sun 4 Aug 2024 21:00