Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Jack MacArtair, Eaglais Naomh Chaluim Chille - 1991

Seirbheis còmhla ris an Urr Jack MacArtair (nach maireann), Eaglais Naomh Chaluim Chille, Glaschu (1991). Gaelic archive service conducted by the late Rev Jack MacArthur.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 37: 39-40 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 65: 2-3 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Gnìomharan 12: 1-17
Ceann-teagaisg Gnìomharan 12: 5 & 12

Rugadh Iain Murchadh MacArtair, no Jack mar a b' fheàrr a dh' aithnicheadh daoine e, air an 29mh den Iuchar 1938 ann am baile Mharabhaig an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas. Bha ochdnar anns an teaghlach aca, còignear bhalach agus triùir nighean. Chaidh Mgr MacArtair iompachadh còmhla ri mòran eile ri linn an t-searmonaiche ainmeil, an t-Urr Donnchadh Caimbeul ann an Leòdhas anns na 50an. Fhuair Mgr MacArtair foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu eadar 1957 agus 1959 agus thug e mach dreuchd neach-teagaisg. Chaidh e air ais dhan oilthigh ann an 1963, an turas seo air an t-slighe chun na ministrealachd. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966, coitheanal Cheann Loch Biorbhaidh agus Dhiùranais ann an Cataibh far an robh e a' cumail sheirbheisean Gàidhlig. Ann an 1971 ghluais e a Chàrlabhagh agus fhads a bha e ann an Leòdhas thòisich Comhairle nan Eilean ann an 1974. Bha Mgr MacArtair na chathraiche air Comataidh an Fhoghlaim aig a' chomhairle. Dh'fhàg e Leòdhas ann an 1979 agus chaidh e dhan Ath Leathann san Eilean Sgiathanach. Cha robh e fada an sin nuair a chaidh a thaghadh mar chomhairliche air Comhairle Roinn na Gàidhealtachd agus na chathraiche air Roinn an Fhoghlaim ann a sin cuideachd. Bha Mgr MacArtair aithnichte airson an obair mhòr a rinn e anns na h-Eileanan agus air Ghàidhealtachd airson foghlam agus airson na Gàidhlig.

Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu ann an 1989 far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 1996. Bha Mgr MacArtair ainmeil mar shearmonaiche a' tàladh sean is òg chun na seirbheisean aige agus bha e cuideachd ainmeil mar neach-poilitigs. Bha e pòsta aig Cathie agus bha dithis nighean agus gille aca. Bhàsaich Mgr MacArtair aig aois tri fichead sa ceithir anns an Dùbhlachd 2002.

30 minutes

Last on

Sun 19 Jul 2020 21:00

Broadcast

  • Sun 19 Jul 2020 21:00