An t-Urr. Murchadh MÃ rtainn bho 1992
Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1992 còmhla ris an Urr. Murchadh Mà rtainn nach maireann. Gaelic archive service from 1992 with the late Rev Murdo Martin.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 103: 11-13 air fonn Moravia agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Salm 69: 35-36 air fonn Montrose agus ‘s e Dòmhnall Chapman a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Leughadh: 2 Corintianaich 5: 1-15
Ceann-teagaisg: 2 Corintianaich 5: 14 & 15
Rugadh an t-Urr. Murchadh Mà rtainn ann an Airidh a’ Bhruaich ann an Eilean Leòdhais ann an 1919. B’ e am balach a bu shine aig Dòmhnall agus Mà iri Mhà rtainn. B' e geamair a bha na athair air oighreachd ionadail anns an sgìre.
Thà inig atharrachadh ann am beatha Mhurchaidh ann an 1937. Bha buaidh mhòr aig na searmonan aig an Urr. Murchadh MacRath à Ceann an Loch air agus gu dearbha air iomadach balach òg eile anns an sgìre leithid an Urr. Coinneach MacAoidh agus an Urr. Alasdair MacPhà rlain.
Chaidh Murchadh a ghairm dhan chogadh ann an 1939 agus chaidh e dhan Chabhlach Rìoghail far an robh e stèidhichte ann an Nirribhidh agus an sàs anns na convoys ann an Ceann a Tuath a' Chuain Shiair. Aig deireadh a’ chogaidh chaidh e gu Colaiste Skerries agus Oilthigh Dhùn Èideann airson e fhèin a dheasachadh airson Colaiste na h-Eaglaise Saoire agus e a' toirt a-mach dreuchd ministeir.
Chaidh Mgr. Mà rtainn a phòsadh ris a' chiad choitheanal ann an 1952 ann an Eaglais Shaor Dhaothal ann an Drochaid Charra faisg air Inbhir Nis. B' e à ite air leth iomallach a bha seo anns na leth cheudan agus bha tòrr dhuilgheadasan aige a’ faighinn timcheall air a’ choitheanal seo. A’ bhliadhna às dèidh sin, phòs Mgr Mà rtainn Catriona NicÌomhair, nighean le ministear Eaglais Shaor Shiaboist aig an à m. Nuair a bha e na mhinistear ann an Daothal bha e na bhall air Comataidh Foghlaim Chomhairle Sgìreil Inbhir Nis. Fhad 's a bha iad ann an Daothal rugadh triùir mhac dhaibh: Iomhair (a tha na mhinistear san Eaglais Shaor), Donaidh (nach maireann) agus Kendon.
Ghluais Mgr. Mà rtainn agus a theaghlach gu Pà islig ann an 1962. B' e paraiste gu math eadar-dhealaichte a bha seo, ach cha robh e fada gus an do leudaich e an coitheanal agus an t-uabhas de theaghlaichean òga a' frithealadh na h-eaglaise. Thainig grunn phearsachan eaglais a-mach às a' pharaiste seo thar nam bliadhnaichean.
Fhad 's a bha Mgr. Mà rtainn na mhinistear anns an sgìre bha e gu mòr an sàs anns a' chomataidh a bha a’ coimhead às dèidh Maxwell House agus Whiteinch Homes.
Leig e dheth a dhreuchd ann an 1982 agus thà inig iad a dh’fhuireach a Bhrà gar air taobh siar Eilean Leòdhais. B' e Mgr Mà rtainn a' chiad pearsa eaglais (chaplain) a bh’ aig Ospadal Steòrnabhaigh. Gu mì-fhortanach cha robh e a’ cumail cho math agus b’ fheudar dhaibh gluasad gu tìr-mòr 's chaidh iad a dh’fhuireach a dh’Inbhir Nis. Chaill iad an dà rna mac Donaidh ‘s thug seo buaidh mhòr air a shlà inte cuideachd.
Bhà saich Mgr. Mà rtainn ann an Cameron House san Dà mhair 2007.
Last on
An t-Urr Murchadh MÃ rtainn nach maireann
Broadcasts
- Sun 16 Aug 2020 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Oct 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal