EÃ irdsidh MacIllEasbuig
An t-Ìleach 's am fear-leasachaidh croitearachd, Eà irdsidh MacIllEasbuig ann an còmhradh ri Aonghas MacNeacail. The crofting adviser Archie Gillespie speaking to Aonghas MacNeacail
Mar fhear a thogadh air eilean far nach robh croit no lot, mar a thuigeas eile iad, chosnadh Eà irdsidh MacIllEasbuig cliù à raid mar fhear a chuireadh seachad cuid mhath dhe bheatha a' brosnachadh chroitearan anns na h-eileanan eile gu bhith deònach leasachaidhean a dhèanamh air am fearann agus an dòighean-obrach.
An dèidh a thogail ann an Ìle, agus sgoil fhaighinn, coltach ri iomadh eileanach eile air falbh bhon taigh, ann an Dùn Omhainn, chuir Eà irdsidh MacIllEasbuig còig bliadhna dhen Dà rna Cogadh anns a' Chabhlach Mharsanta, ach b’ e obair fearainn a bha na dheòin agus chuir e seachad bliadhnaichean anns an West of Scotland Agricultural College mus deach e dh’obair air tuathanachasan ann an Siorrachdan Àir, Rinn Friù agus Earra-Ghà idheal.
Fhuair e an uair sin cosnadh mar fhear-oideachaidh sa Cholaisde Fearainn ann an Cataibh, far an do rinn e eòlas air croitearachd à bhaisteach airson a' chiad uair, le cothrom leasachaidhean a mholadh do mhuinntir an à ite. Ach b’ ann nuair a ghluais e dha na h-Eileanan Siar a rinn e an obair a dhearbhadh cliù dha, chan ann a mhà in anns na sgilean a bha e a' moladh ach ann a bhith a' dùsgadh misneachd an t-sluaigh gus iad fhèn a dhol a' sàs ann an leasachadh fearainn. Chosnadh e an MBE airson cho soirbheachail ’s a bha na h-amasan seo.
Nuair a chaochail Eà irdsidh ann an 1990, fhuair e an luaidh seo bho Brian Wilson; ‘the crofting communities of the Highlands and Islands have lost one of their great champions of the 20th century’, beachd ris an aontaicheadh a h-uile croitear a rinn eòlas air.
A seo cluinnidh sibh EÃ irdsidh MacIllEasbuig ann an comhradh ri Aonghas Dubh MacNeacail ann a 1987.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 16 Jul 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 16 Jul 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Jul 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal