Aonghas Greumach, a Misean, à Borgh a Leòdhas
Sgeulachdan seòlaidh 's cogaidh bho Aonghas Greumach, neo a Misean à Borgh aLeòdhas. Angus Graham tells of his time in the Merchant Navy and also at Dunkirk and St Valery.
Rugadh Aonghas Greumach, neo a Misean mar a b'fheà rr a dh'aithnichear e, ann am Borgh, Leòdhais ann an 1905. B' e an ceathramh duine den t-seachdnar chloinne a bh’ aig Dòmhnall Mìcheal agus a bhean, Mà iri.
Dh'fhà g e Sgoil Airidhantuim aig ceithir bliadhna deug agus, le obair cho gann an à m a’ Chiad Chogaidh, bha e a' cuideachadh a phà rantan le obair na croit airson ùine an toiseach.
Bha Aonghas a' miannachadh a dhol gu muir ach bha fhios aige nach fhaigheadh e dhan RNR gus am biodh e ochd deug. Cha do chuir sin stad air ge-tà ! Bha a bhrà thair mòr, air an robh Aonghas cuideachd, air eilthireachd a dh'Astrà ilia. Chleachd Aonghas còir cairt aithneachaidh a bhrà thar agus fhuair e tron h-uile ceum, eadar dotair, cusbain is eile agus ann an ùine ghoirid bha e ann an Chatham Barracks airson sia seachdainean trèanaidh.
Às dèidh greiseag ag obair air an seann A9 thà inig an ath dhrile am Portsmouth agus cho luath ‘s a bha sin seachad, stad e a Lunnainn agus thuirt e ris fhèin gu robh e dol a dh’fheuchainn air soitheach sa Chabhlach Mharsanta.
Mar a dh'innis Aonghas do Joan Alice NicIomhair, cha robh cà il a dhùil aige air a' chiad bhòids' gun toireadh e glè fhaisg air leth-cheud bliadhna aig muir!
Last on
Broadcasts
- Thu 23 Jul 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 23 Jul 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jul 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal