Criosaidh Steele sna h-Innseachan
Criosaidh Steele à Sgalpaigh ann an còmhradh ri Ceitidh Anna NicChoinnich. Chrissie Steele in conversation with Katie Ann MacKenzie.
B’ ann san Lùnastal 1989 a fhuair Ceitidh Anna NicChoinnich fios gun robh Criosaidh Steele - no Ciorstag Bheag a’ Bhùidsear a bha a’ fuireach ann an Methven faisg air Peairt - air là ithean-saora anns na Hearadh, ‘s gun robh còir aice a dhol air chèilidh oirre oir gun robh sgeulachd aice ri innse, ‘s abair gun robh!
'S ann ann a 1912 a rugadh Ciorstag, nighean Ruairidh 'an Bhreabadair agus b' i Cà iristiona Chaluim Phìobaire a bu mhà thair dhi, 's iad le chèile à Sgalpaigh.
B’ e bùidsear bh’ ann a Ruairidh ’s bha bùth aige aig a’ bhaile. Bha teaghlach mòr aca, triùir chlann-nighean agus còignear mhac, agus b' i Ciorstag bheag an siathamh duine san teaghlach.
Às dèidh dhi Sgoil Sgalpaigh fhà gail aig aois ceithir bliadhna deug, dh’fhuirich i aig an taigh còmhla ri a pà rantan airson dhà no trì bhliadhnaichean.
B' ann nuair a bha i ag obair an Ospadal Arascain a bha i ann a 1935, nuair a nochd sanas ann am fear de phà ipearan Ghlaschu, agus cà raid a’ lorg banaltram-teaghlaich a dheigheadh a-null dha na h-Innseachan còmhla riutha airson coimhead às dèidh an dithis chloinne aca.
Cluinnidh sinn mar a chaidh dhi sna h-Innseachan, mar a thachair às dèidh dhi tilleadh agus i air ùr-phòsadh agus a beatha às dèidh sin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 9 Jul 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 9 Jul 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jul 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal