Fèin-Aithne am Barcelona 2/2
A' leantainn air turas tro Bharcelona a' beachdachadh air fèin-aithne le Julie Anne NicChoinnich. Julie Anne MacKenzie and Coinneach Smith continue exploring identity in Barcelona.
Anns an t-sreath seo, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ bruidhinn mu fèin-aithne còmhla ri Gà idheil a tha a’ fuireach air taobh thall crìoch ùr an Aonaidh Eòrpaich bho dùthchannan an à raich. An-diugh tha e ann am Barcelona a-rithist còmhla ri Julie Anne NicChoinnich à Leòdhas.
Sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha strì eadar iadsan a tha airson neo-eisimeileachd fhaighinn do sgìre Chatalonia agus luchd-aonaidh na Spà inne air connspaid agus troimh-a-chèile poilitigeach adhbhrachadh sa Spà inn. Ach ciamar a tha muinntir Bharcelona – prìomh bhaile Chatalonia – a’ faireachdainn?
Sa phrògram sa tha Julie Anne gar toirt air cuairt gu na ceà rnagan far an robh còmhstri is ùpraid sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh: Plaça de Catalunya far am biodh na nà iseantaich Catalan a’ cruinneachadh agus Plaça d'Espanya far am biodh na nà iseantaich Spà innteach a’ cruinneachadh. Tha Coinneach cuideachd a’ cluinntinn beachdan Catalanach, is ag ionnsachadh beagan mu mar a tha am baile brèagha seo air buaidh a thoirt air fèin-aithne Julie Anne.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 30 Jun 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 30 Jun 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jul 2020 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 12 Dec 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Dec 2022 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal