Fèin-Aithne sa Bhruiseal 1/2
Eoghan Mitchison a’ beachdachadh air fèin-aithne anns a' Bhruiseal le Coinneach Mac a’ Ghobhainn. Eoghan Mitchison discusses issues of identity in Brussels with Coinneach Smith.
Dè bhuaidh a th’ aig a bhith a’ fuireach ann an dùthaich eile air d’ fhèin-aithne? Anns an t-sreath sa tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ tadhal air daoine air feadh na Roinn Eòrpa aig à m nuair a tha crìochan na Roinn Eòrpa air fàs nas caochlaidiche. An-diugh tha e ann am prìomh bhaile na Beilge agus prìomh bhaile an Aonaidh Eòrpaich: a’ Bhruiseal.
'S ann eadar a' bhaile seo agus Lunnainn a tha Eoghan Mitchison a' fuireach agus ag obair – air ais is air adhart thairis air crìoch ùr an EU. Ach cò ris a tha a' Bhruiseal coltach, agus dè na ceistean mòra mu fèin-aithne air a bheil na Beilgich a’ cagnadh?
Sa phrògram sa tha Eòghan a’ toirt dhuinn beachd air na sgìrean far a bheil sluagh le diofar chà nain na Beilge a’ fuireach – agus mar a tha bun-reachd na dùthcha dha-rìribh toinnte. Cluinnidh sinn mar a tha trioblaidean agus buannachdan an cois inimreachas dhan a’ bhaile; na deasbadan cà nain; strì cuid de Bheilgich airson neo-eisimeileachd agus Eòghan cuideachd a’ beachdachadh air cò ris a tha am baile coltach dha fhèin bho latha gu latha.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 7 Jul 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 7 Jul 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jul 2020 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Dec 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal