Fèin-Aithne am Barcelona 1/2
Tha Julie Anne NicChoinnich a’ bruidhinn air fèin-aithne am Barcelona le Coinneach Mac a’ Ghobhainn. Julie Anne MacKenzie discusses identity in Barcelona with Coinneach Smith.
Dè bhuaidh a th’ aig a bhith a’ fuireach ann an dùthaich eile air d’ fhèin-aithne? A seo tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ tadhal air daoine air feadh na Roinn Eòrpa aig à m nuair a tha crìochan na Roinn Eòrpa air fàs nas caochlaidiche. An-diugh tha e ann am Barcelona sa Spà inn, prìomh bhaile sgìre Chatalonia.
Seo far a robh Julie Anne NicChoinnich a' fuireach airson faisg air trì bliadhna, ’s i aig an oilthigh agus a' teagaisg. Cò ris a tha Barcelona coltach dha ban-Leòdhasach – agus dè a beachd air na h-argamaidean mòra airson agus an aghaidh neo-eisimeileachd do Chatalonia?
Eadar margaidhean Catalan, cà nain a bhaile, agus pà rlamaid sgìreil Chatalonia, tha ceistean agus beachdan gu leòr air an gabh cagnadh. Tha Julie Anne ag innse mu h-obair le foghlam dà -chà nanach agus suidheachadh a chà nain Chatalanaich; mar a tha caismeachdan srà ide air a bhith cumanta sa bhaile do nà iseantaich Spà innteach agus Catalan; agus a’ dèanamh coimeas eadar fèin-aithne nan daoine leis a bheil i air a bhith fuireach, agus an fhèin-aithne aice fhèin.
Last on
Broadcasts
- Tue 23 Jun 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 23 Jun 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jun 2020 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 5 Dec 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Dec 2022 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Dec 2022 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal