Main content
Sorry, this episode is not currently available

Joe MacDhùghaill à Bhatarsaigh

Cuairt mu Eilean Bhatarsaigh dà bhliadhna às deidh dhan chabhsair a bhith air a thogail. Jo MacDougall takes Floraidh Maclean on a tour of Vatersay after the causeway was finished

Bha aon duine a bha gu mòr air cùl na h-iomairt cabhsair a thogail eadar Barraigh agus Bhatarsaigh – b’ esan Jo Mac Dhùghaill nach maireann, fear a bha a' dèanamh mòran obair às leth an eilein air an robh e fhèin cho miadhail agus a bha a' cur tòrr de dh’ ùine fhèin seachad gu saor-thoileach airson cùisean a leasachadh gu maith na coimhearsnachd.

Beagan sheachdainean mus robh cabhsair Bhatarsaigh ga-rìreabh fosgailte, thathar a’ creidsinn gur e Jo MacDhùghaill a’ chiad dhuine a-riamh a choisich à Bhatarsaigh gu Barraigh. Thuirt e fhèin, a bha 63 bliadhna a dh’aois aig an àm, “B àbhaist dhaibh a bhith 'g ràdh anns na seann làithean, nuair a bha an t-iasgach pailt, gum b’ urrainn dhaibh coiseachd a Bharraigh le bhith leum bho eathar gu eathar gus an ruigeadh tu thall.' Ach thuirt Jo nach robh e cinnteach dè cho fìor sa bha sin, ach gu faodadh e fhèin a ràdh gu fìrinneach gur esan a' chiad duine a-riamh a choisich an t-slighe.

Bha cabhsair Bhatarsaigh air a bhith air a deagh chleachdadh airson bliadhna mas deach Flòraidh NicIllEathain air chèilidh air Jo aig a dhachaigh sa Chaolas ann a Bhatarsaigh, agus às dèidh cupa tì thug e cuairt mun eilean i.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 16 Apr 2020 12:00
  • Thu 16 Apr 2020 22:00
  • Sun 19 Apr 2020 09:30