Gilleasbuig MacUalraig à Gleanna Comhann
Eachdraidh agus òrain na sgìre bho Ghilleasbuig MacUalraig a bhuineadh do Thaigh a' Phuirt. Archie Kennedy gives Chris Dillon a taste of Glencoe's songs and history.
Bha Gilleasbuig MacUalraig air fear dha na daoine mu dheireadh aig a robh Gà idhlig Bhaile a' Chaolais bhon a’ ghlùin. Thogadh e ann an Taigh a’ Phuirt , eadar Baile Chaolais agus Gleanna Comhainn, agus chuir e seachad a' chuid a bu mhotha de a shaoghal anns an sgìre, ag obair aig an fhactaraidh aluminium ann an Ceann Loch Lìobhain airson còig bliadhna deug thar fhichead.
B' e athair manaidseir na cuaraidh sglèata ann am Baile a' Chaolais, agus thog e iomadach sgeulachd, agus dual-chainnt bheartach na sgìre, aig glùin athar agus a mhà thar. B’ e a’ Ghà idhlig cainnt na cuaraidh sglèat agus bha sin dha fà gail gu math là dir sa choimhearsnachd an uair sin, ach dh’ atharraich sin nuair a dhùin an cuaraidh ann a 1955.
Bha ùidh mhòr mhòr aig Gilleasbuig ann an eachdraidh is dualchas na sgìre, agus bha e fad iomadh bliadhna os cionn Meur Loch Abar den Chomunn Gà idhealach, agus bha e cuideachd na Cheann-suidhe air an Fhèill Phan-Cheiltich.
B’ ann ann a 1990 a chaidh Crisdean Dillon a chèilidh air agus bha e ann am fonn òran neo dhà a bhuineas dhan sgìre a ghabhail dha.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 9 Apr 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 9 Apr 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Apr 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal