Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsaigh

Mar a chaidh sgìrean fuadaichte Ratharsach is Sgitheanach a chreachadh às dèidh 1918. How cleared districts in Raasay and Skye were raided after 1918.

Nuair a thill na fir às a' chogadh ann an 1918 is 1919, cha robh a' chòmhstri seachad. Chaidh fearann a ghealltainn dhaibh – ach cha robh e feitheamh riutha. Anns an t-sreath sa, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ rannsachadh mar a thachair ann an diofar sgìrean sna h-eileanan.

Tha an t-Eilean Sgitheanach iomraiteach airson mar a sheas muinntir Ghlinn Dail agus muinntir a' Bhràighe an aghaidh nan uachdaran san 19mh linn; ach às dèidh a' Chogaidh Mhòir sgap iomairtean tacan a bhriseadh gu gach ceàrnaidh dhen eilein.

Sa phrògram sa cluinnidh sinn mar a thachair anns an Eilean Sgitheanach agus Ratharsaigh. Bha muinntir Ratharsaigh air sgrios nam fuadaichean fhulang gu dubh, is iad air an sgiùrsadh a-mach à ceann a deas an eilein. Bha teaghlach Chaluim MhicAoidh am measg na chaidh fhuadach gu eilean beag creagach Rònaigh, is bha gu leòr eile, leithid teaghlach Chaluim MhicIllIosa is Fhearchair MhicIlleFhinnein, an Eilean Fhladaigh neo sa cheann a tuath, nach robh idir cho torrach.

Le bhith cleachdadh còmhraidhean às an tasglann le na fir a bh’ ann aig an àm agus a’ bruidhinn ri na teaghlaichean, cluinnidh sinn mar a thill na daoine a cheann a deas Ratharsaigh, a dh’aindeoin prìosan is maoidheadh uachdarain.

Tha Coinneach cuideachd a’ cluinntinn bho Niall MacFhionghain mu chreachadh Sgitheanach nach robh cho soirbheachail, ann an Àird an t-Srath, far an do dh’fheuch seachdnar à Ealaghol ri seann bhailtean a stèidheachadh a-rithist. Agus tha Ailean Caimbeul à Gleann Dail agus an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart bho Shabhal Mòr Ostaig a’ cur ceist an fhearainn san Eilean Sgitheanach ann an co-theacsa na bha dol air feadh na Gàidhealtachd tron linn.

30 minutes

Last on

Sun 8 Sep 2019 09:30

Broadcasts

  • Thu 5 Sep 2019 12:00
  • Thu 5 Sep 2019 22:00
  • Sun 8 Sep 2019 09:30