Creachaidhean Uibhist is Bharraigh
Mar a chreach na thill bhon chogadh tacan ann an Uibhist agus Barraigh às dèidh 1918. How veterans of the First World War raided farms in Uist and Barra after 1918.
Nuair a thill na fir às a' chogadh ann an 1918 is 1919, cha robh a' chòmhstri seachad. Chaidh fearann a ghealltainn dhaibh – ach cha robh e feitheamh riutha. Anns an t-sreath sa, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ rannsachadh mar a thachair ann an diofar sgìrean sna h-eileanan.
Coltach ri gach sgìre eile dhen Ghà idhealtachd, bha buaireadh agus creachadh air tacannan Uibhist is Bharraigh cuideachd às dèidh a’ Chiad Chogaidh. Tha Coinneach a’ tòiseachadh a thuras sa phrògram sa ann am Barraigh airson cluinntinn mun chreachadh mhòr a chaidh a dhèanamh air taca Eòlaigearraidh. Mar a tha Ailean Mòr MacNèill, mac fear dha na rinn an creachadh, agus an t-eòlaiche eachdraidh Calum MacNèill ag innse dha, cha bheag na bha na daoine air fulang sna bliadhnaichean mus do bhris iad an taca.
Ann an Uibhist fhèin, bha creachadh bho thuath gu deas. Ann am Beinn na Fadhla, chaidh athair Iain Bhochanan agus iomadach seann saighdear eile a chreachadh am Baile nan Cailleach. Ach mar a tha Iain ag innse, cha b’ e h-uile duine a gheibheadh rud às a' bhriseadh sin aig a cheann thall.
An Uibhist a Tuath, tha Ailig MacAmhlaigh, mac Aonghais Ailig an t-Saoir, a’ cuimhneachadh na chuala e bho athair; fear a chaidh dhan phrìosan airson taca Bhaile Raghnaill a chreachadh. Ach shoirbhich iadsan 's tha bailtean Phaiblesgearraidh agus Baile Raghnaill ann air an sà illeibh. Agus tha e cuideachd a’ tadhal air Beà rnaraigh, às an do dh’fhà g iomadach duine airson Bà gh a’ Chà ise agus ear-thuath Uibhist a chreachadh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 29 Aug 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 29 Aug 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Sep 2019 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal