Main content
Sorry, this episode is not currently available

Port nan Long, Fioscabhaig, agus Fearann an Leagha

Mar a thog Hearaich agus Rubhaich bailtean ùra san Eilean Sgitheanach ann an 1923-24. How families from Harris and Lewis established new villages in Skye between 1923-24.

Nuair a thill na fir às a' chogadh ann an 1918 is 1919, cha robh a' chòmhstri seachad. Chaidh fearann a ghealltainn dhaibh – ach cha robh e feitheamh riutha. Anns an t-sreath sa, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ rannsachadh mar a thachair ann an diofar sgìrean sna h-eileanan.

Bha freagairtean eadar-dhealaichte aig daoine eadar-dhealaichte do cheist an fhearainn, ach bha barrachd dhaoine ag iarraidh croitean ann an Leòdhas agus na Hearadh na ghabhadh a chruthachadh ann an 1918. Thug sin air Bòrd an Àiteachais sgeama lèirsinneach agus innleachdail a chur air dòigh, is fearann air Rubha Mhinginis san Eilean Sgitheanach a thabhainn do dhaoine anns na Hearadh agus sa Rubha an Leòdhas.

Ach ciamar a chaidh aca air sin a dhèanamh? Dè cho duilich is a bha e an talamh a leasachadh? Cluinnidh sinn sgeulachdan nan teaghlaichean a chaidh a-null, leithid teaghlaichean Peigi Wood, Dhànaidh MhicLeòid, Dhòmhnaill Angaidh MhicAoidh is Mhurchaidh Chaimbeul. Thàinig na teaghlaichean acasan às na Hearadh, gu àite far an robh fearann gu leòr aca, ach far an robh dùbhlain gu leòr romhpa, eadar taigheadas agus raineach.

Agus cluinnidh sinn cuideachd còmhraidhean a chaidh a chlàradh le Alasdair MacLeòid, nach maireann agus Ealasaid Shutharlanach. ’S ann às a’ Rubha an Leòdhas a thàinig na teaghlaichean acasan, ach cho math ri na Hearaich, rinn iad an dìcheall bailtean a th’ air maireachdainn chun a’ latha an-diugh a stèidheachadh.

30 minutes

Last on

Sun 15 Sep 2019 09:30

Broadcasts

  • Thu 12 Sep 2019 12:00
  • Thu 12 Sep 2019 22:00
  • Sun 15 Sep 2019 09:30