Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh

Seirbheis còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Gaelic service conducted by Rev James MacIver, Minister of Stornoway Free Church.

Cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas san t-seirbheis:

Salm 105: 1-2 air fonn Coleshill le Ailean Guinne os cionn na seinn le taic bho choithional Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 119: 41-42 air fonn St David le Niall Seathach os cionn na seinn le taic bho choithional Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 118: 17-19 air fonn Dundee le Dòmhnall MacThòmais os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.

Leughadh: Lùc 7: 1-17
Ceann-teagaisg:Luc 7: 11-17

'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus tha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Bha e roimhe sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic, An Rubha agus ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodaràtor air Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.

Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige a Bhun-sgoil Thunga agus às an sin, chaidh e gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.

Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf agus a' leughadh.

30 minutes

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair

Broadcasts

  • Sun 24 Jun 2018 09:00
  • Sun 24 Jun 2018 15:00
  • Sun 23 Sep 2018 09:00
  • Sun 23 Sep 2018 15:00