Tasglann: An t-Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba Ceann Loch Biorbhaidh (1997) - 1/2
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba (1997). Gaelic archive service from 1997 with Rev Donnie MacSween, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 89: 15-16 air fonn Stornoway agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Ã’ib.
Salm 46: 10-11 air fonn Torwood agus 's e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 71: 15-16 air fonn Evan agus 's e Dòmhnall MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba am Paibeil an Uibhist a Tuath.
Leughadh: Lucas 24: 13-35
Buinidh Donaidh MacSuain do bhaile Sgarastadh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.
B' ann an 1974 thòisich e ag obair là n ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann an 1991 far an robh e na mhinistear airson sia bliadhna. Às dèidh sin ghluais e gu Baile Eoghain agus tha e air a bhith an sin bhon uair sin. Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-à raidh ceòl soisgeulach, Gà idhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CD- agus DVDan an a thoirt a-mach. Cluichidh e fhèin iomadh seòrsa inneal-ciùil, nam measg an clarinet; inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gà idhealach. Tha a' Ghà idhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cà nan agus an ceòl a bhrosnachadh.
Last on
An t-Urr Donaidh MacSuain
Broadcast
- Sun 2 Sep 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal