Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet

Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet, Dorset. Service with Rev Suzie Roberts, Longfleet Baptist Church, Dorset.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Cia Domhain Gràdh an Athar Dhuinn le Donaidh M MacLeòid
'S e Dia mo Bhuachaill' ann an Dìth leis a' bhuidheann 'Seinneamaid Còmhla' ann an Stafainn.
Do Làmh a Chriosda air a sheinn le Julie Fowlis
Moladh Dia air a sheinn le Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu
Dèan Dhòmhsa Tuigse air a sheinn leis a' ch'0mhlan Na Brogues

Leughadh:Ephèsianaich 6: 10-24

Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig an Àrd-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.

Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.

Fhuair i cead-searmonachaidh as t-samhradh 2017 agus tha i fhèin is Micheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet.

30 minutes

An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts

  • Sun 17 Jun 2018 09:00
  • Sun 17 Jun 2018 15:00