An t-Urr Coinneach MacLeòid, Eaglais Shaor Bharabhais 1998 - 1/2
Seirbhis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr. Coinneach MacLeòid, Eaglais Shaor Bharabhais. Gaelic service from Â鶹Éç archives with Rev Kenneth MacLeod, Barvas Free Church 1998.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 143: 6-7 air fonn Martyrdom agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 61: 1-4 air fonn Walsall agus 's e an t-Urr Murchadh MÃ rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chnuic.
Salm 33: 18-19 air fonn Evan agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Leughadh :Mata 5: 1-18
Ceann-teagaisgMata 5: 3
Rugadh Coinneach MacLeòid ann an sgìre Leumrabhaigh air na Lochan, far an robh athair, a bhuineadh do sgìre Bharabhais, na mhiseanaraidh. Ghluais an teaghlach bho na Lochan dhan Rubha.
Dh'fhà g Coinneach an sgoil aig aois sia bliadhna deug agus chaidh e a dh'ionnsachadh obair saoirsneachd. Aig an à m sin bha aige cuideachd ri seirbheis nà iseanta a dhèanamh agus rinn e sin sa Chabhlach Mharsantach, agus dh'fhà g sin e a' dèanamh seachd bliadhna an à ite a dhà aig muir. Anns an ùine sin aig muir shiubhail e timcheall an t-saoghail, a' chuid is motha den ùine sin eadar Astrà ilia agus New Zealand. Chòrd Astrà ilia ris na b' fheà rr agus bha sin gu math follaiseach bliadhnaichean às dèidh sin.
Nuair a rinn e na seachd bliadhna chaidh e an uairsin a dh'obair gu Seirbheis nan Taighean Solais agus thòisich e air obair a dhèanamh airson deuchainnean a shuidhe a bheireadh gu ìre oifigeir e. Fhad 's a bha e dèanamh seo dh'fhairich e gun robh aige ri ceum eile a ghabhail na bheatha agus a dhol a-staigh airson na ministrealachd. B' e sin a rinn e agus chaidh e a cholaiste Skerry ann an Glaschu airson e fhèin a dheasachadh airson a dhol tron oilthigh agus às dèidh sin chaidh e a dh'Oilthigh Obar Dheathain agus gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an DùnÈideann. Mus robh e deiseil dhan chùrsa aige, thà inig iarrtas thuige bho Chlèir taobh an Ear Astrà ilia a dhol na mhinistear air Eaglais Shaor Lios Mòr ann an NSW airson còig bliadhna. Chaidh e fhèin agus a bhean, Catriona, agus an leanabh aca, Dòmhnall a-null aig an à m.
Nuair a bha na còig bliadhna aige suas, thill e fhèin Catriona agus a-nise triùir a theaghlach air ais dhan dùthaich seo, far an robh e na mhinistear air coitheanal Bhaile Dhubhthaich airson ochd bliadhna. Bha leanabh eile aca nuair a bha iad ann am Baile Dhubhthaich.
Fhuair Mgr MacLeòid cuireadh tilleadh air ais a dh'Astrà ilia gu coitheanal Chlann MhicIlleathain ann an taobh an Ear Thuath na dùthcha far an robh e gus an d'fhuair e gairm bho choitheanal Bharabhais anns na naoidheadan. Thà inig Mgr MacLeòid agus a theaghlach air ais a dh'Alba airson ceithir bliadhna, anns an ùine sin bha e na mhodarà tor air à rd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire.
Thill Mgr MacLeòid 's a bhean agus triùir dhen teaghlach air ais a dh' Astrà ilia far a bheil e nis stèidhichte ann an sgìre MacLean. Ged a tha e air a dhreuchd a leigeil dheth tha e fhathast a' searmonachadh agus a' cur seachad ùine ag iasgach, cluich goilf, trang sa ghà rradh agus tha e cuideachd an sàs anns a' chruinneachadh Ghà idhealach a th'aca gach bliadhna ann am MacLean. Na bu trà ithe am bliadhna bha Mgr Macleòid agus a bhean Catrìona air chuairt air ais anns na h-Eileanan a' coinneachadh ri cà irdean is luchd-eòlais.
Last on
An t-Urr Coinneach MacLeòid
Broadcasts
- Sun 10 Jun 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Mar 2020 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal