Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear, 1990

Seirbheis còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear, 1990. Archive service with Rev James MacIver, minister of East Kilbride Free Church 1990.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 24: 3-4 air fonn Evan agus 's e Iain MacCoinnich a tha os cionn na seinn.
Salm 51: 9-10 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas MacÃŒomhair a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear.

Leughadh: Ròmanaich 6: 1-23
Ceann-teagaisg: Mata 5:8

'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus tha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Steòrnabhagh. Bha e roimhn sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic, An Rubha agus an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodaràtor air Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.

Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige gu Bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.

Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf agus a' leughadh.

30 minutes

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair

Broadcast

  • Sun 13 May 2018 21:00