Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mgr Cailean MacAonghais, Eaglais Naomh Moire, Beinn na Fadhla

Seirbheis còmhla ri Mgr Cailean MacAonghais, Eaglais Naomh Moire, Beinn na Fadhla. Gaelic service with Fr Colin MacInnes, Parish Priest of St Mary's, Griminish, Benbecula.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
'Aon Spiorad, aon Tighearna, aon Dia' le Alasdair Codona .
Spioraid Naoimh Dhè le Maeve NicFhionghuin
Laoidh an Spioraid Naoimh le Amy NicAmhlaigh
Magnificat le Anna Nic na Ceardaich
A Mhoire Mhìn Gheal le Màiri C NicNèill.

Leughaidhean: Lùucas 1: 26-38 & Eòin 20: 19-22

Rugadh Maighstir Cailean MacAonghais ann an sgìre Bhòrnais an Uibhist a Deas ann an 1945. Fhuair e trèanadh airson na sagartachd ann an Obar Dheathain agus mu dheireadh anns an Spàinn. Thàinig e a-mach na shagart ann an 1970 a' cur seachad nan ciad bhliadhnaichean còmhla ri sagart Bhàgh a' Chaisteil agus an uairsin ùine san Òban mus do ghabh e thairis uallach paraiste. Bha Mgr Cailean na shagart san Iochdar airson sia bliadhna agus às an sin ghluais e gu paraiste Eaglais Naomh Bàrr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. Cho fad 's a bha e na shagart anns na h-eileanan rinn e an t-uabhas de dh'obair am measg na coimhearsnachd, a' cuideachadh nan daoine ann a bhith a' cur air chois Co-Chomainn, tallaichean coimhearsnachd, agus an lùib sin a bhith am measg an fheadhainn a chuir air chois Fèis Bharraigh. Cha robh an seo ach toiseach tòiseachaidh air obair nam Fèisean a tha air a bhith a' dol bho neart gu neart bhon a chaidh a' chiad tè a stèidheachadh anns na h-ochdadan.
Chuir Maighstir Cailean cùl ris na h-eileanan (ged a bha e fhathast na shagart airson na sgìr-easbaig) ann an 1985 agus ghabh e àite air Comann Miseanaraidhean an Naoimh Seumas agus 's ann tron chomainn seo a chaidh a chur gu sgìr-easbaig ann an Ceann a Deas Ameireagaidh - gu Quito ann an Ecuador.
'S e beatha gu math eadar dhealaichte a bha air thoiseach air Mgr Cailean nuair a chaidh e a-null an sin - sgìre làn bochdainn agus ana-ceartas le foill is eucoir na lùib cuideachd. Bha sluagh mòr de Chaitligich anns an àite - bho pharaiste anns an robh nas lugha na ceithir cheud, ghluais e gu paraiste anns an robh na mìltean agus glè bheag de shagartan airson an creideamh a' bhrosnachadh am measg an t-sluaigh. Nuair a chaidh e a-null, bha sagart eile an dùil a dhol a-null còmhla ris ach gu mì-fhortanach dh'fhàs an sagart eile bochd agus bha aig Mgr Cailean ri dhol ann na aonar.
A bharrachd air obair na sagartachd agus beatha spioradail nan daoine a bhrosnachadh, ghabh Mgr Cailean uallach cuideachd airson beatha shòisealta agus poilitigeach nan daoine, le bhith a' sabaid airson an còirichean. Bhiodh e a' gabhail pàirt ann an iomadach prògram air reidio is telebhisean, a' bruidhinn anns a' Phàrlamaid, a' gabhail pàirt ann an caismeachdan agus eile, agus fad na h-ùine a' strì agus ag obair airson muinntir na paraiste. Aig an aon àm chuir e a bheatha fhèin ann am fìor chunnart.
Thairis nam bliadhnaichean a chuir Mgr Cailean seachad ann an Comite del Pueblo chaidh siostam uisge a stèidheachadh sa choimhearsnachd, fhuair e taic airgid air leth bho pharaistean na sgìr-easbaig aige fhèin agus chaidh eaglaisean is sgoiltean a thogail agus rathaidean a stèidheachadh - thug e misneachd dha na daoine a bhith ag obair còmhla ann a bhith a' leudachadh agus a' leasachadh phròiseactan agus a' dèanamh beatha nas fheàrr dhaibh pèin agus an cuid chloinne.

Ann an 2005 ghluais Mgr Cailean gu sgìre eile ann an Ecuador, sgìre a bha a' fulang barrachd bochdainn. An turas seo bha e stèidhichte nas fhaisg air a' mhuir, faisg air Guayaquil. Ghluais Mgr Cailean air ais a dh'Uibhist san t-Sultain an uiridh agus nas tràithe am bliadhna chaidh a chur os cionn paraiste Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla.

30 minutes

Mgr Cailean MacAonghais

Mgr Cailean MacAonghais

Broadcasts

  • Sun 20 May 2018 09:00
  • Sun 20 May 2018 15:00
  • Sun 9 Sep 2018 09:00
  • Sun 9 Sep 2018 15:00