An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh an Eaglais na h-Alba
Còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh an Eaglais na h-Alba. Gaelic service conducted by Rev Kenneth MacDonald, assistant-minister Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 09: 1-2 air fonn Montrose agus 's e Ruairidh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu.
Salm 51: 10-12 air fonn Torwood le Lachlainn MacDhùghaill os cionn na seinn agus Salm 103: 3-4 air fonn Evan agus 's e Aonghas MacIllEeathain a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Leughadh: Ròmanaich 4: 16-25
Ceann-teagaisg: "Gras"
'S e an t-Urramach Coinneach Dòmhnallach a bha na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba a tha a' searmonachadh dhuinn air an t-seachdain seo.
Rugadh is thogadh Coinneach Dòmhnallach air a' Chomraich air taobh siar Siorrachd Rois. Chaidh e tron fhoghlam an Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus an Oilthighean Ghlaschu is Chambridge. Fad iomadh bliadhna, bha e na òraidiche ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu. Nuair a leig e dheth a dhreuchd an sin, rinn e cùrsa-trèanaidh gu bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba.
Bha e mu dheireadhna mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais an Naomh Pòil ann am Muileann Dhaibhidh air iomall Ghlaschu.
Last on
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach
Broadcasts
- Sun 13 May 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 May 2018 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Aug 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Aug 2018 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal