04/03/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 972.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 668
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 972
Duration: 05:00
Litir 972: Na Ceiltich
Mun à m a bha Iulius Cèasar beò, bha na Ròmanaich a’ dèanamh dheth gun robh A’ Ghall – Gaul – ann an diofar phà irtean. Anns a’ cheann a deas bha Provincia Romana, sgìre a bh’ air tighinn fo bhuaidh nan Greugach an toiseach agus, an uair sin, fo bhuaidh na Ròimhe. Tha sinn eòlach air Provincia Romana an-diugh mar Provence.
           Gu tuath air sin bha Gallia Celtica, sgìre mhòr anns an robh an cultar is dòigh-beatha gu math Ceilteach fhathast. Agus gu tuath air sin bha Gallia Belgica, an ìre mhath far a bheil A’ Bheilg an-diugh.
           Airson greis mhòr, bha ceannardan Ròmanach air a bhith a’ beachdachadh air cho math ʼs a bhitheadh e nam biodh A’ Ghall mar phà irt dhen Ìmpireachd Ròmanaich. Ghabh Cèasar, a bha na riaghladair air Gallia Transalpina (fìor cheann a deas na Frainge) brath air cothrom sin a dhèanamh anns a’ bhliadhna caogad ʼs a h-ochd (58) RC. Bha na Helvetii, treubh chumhachdach às an Eilbheis, a’ dèanamh eilthireachd airson fearann ùr fhaighinn air costa siar na Frainge.
           Bha Cèasar a’ gabhail dragh gun dèanadh sin cron air a’ Ghaill, agus air malairt nan Ròmanach, agus chuir e armailt an sàs an aghaidh nan Helvetii, gan iomain air ais don dùthaich aca fhèin. Bha armailt mhòr aig Cèasar a-nise ann an Gallia Celtica. Thug e taic do na Ceiltich an aghaidh treubh Ghearmailteach ach cha do tharraing e na saighdearan aige an dèidh là imhe. Lean e air gus an robh smachd aige air an dùthaich gu ruige Caolas Shasainn. Ann an caogad ʼs a còig (55) RC, chuir e armailt an sàs ann an ceann a deas Bhreatainn. ʼS dòcha gun robh sin mar rabhadh do na Breatannaich gun a dhol an sàs air taobh an co-chreutairean Ceilteach anns a’ Ghaill.
           Ann an co-cheangal ris na cogaidhean Gallach tha ceannard Ceilteach a’ tighinn am bà rr – ʼs dòcha an Ceilteach a b’ ainmeile ri a linn – Vercingetorix. Bha e na cheannard air na h-Averni, treubh à meadhan na Gaill. Rinn e a’ chùis air armailt Ròmanach agus thug e còmhla measgachadh de threubhan. Ach, aig a’ cheann thall, ghabh e fhèin agus na mìltean shaighdearan aige tèarmann ann an dùn monaidh ris an cante Alesia.
           Rinn Cèasar sèist air Alesia le bhith a’ togail dà bhalla – fear am broinn an fhir eile. Chuir sin stad air feachdan Ceilteach eile bho bhith a’ dèanamh cobhair air Vercingetorix. Mu dheireadh, cha robh roghainn aig Vercingetorix ach gèilleadh ris na Ròmanaich. Thugadh an grèim e agus chaochail e – no chaidh a mharbhadh – anns a’ phrìosan beagan bhliadhnaichean an dèidh sin. Le a bhà s, dh’fhalbh an dòchas mu dheireadh aig na Gallaich a bhith saor bho smachd na Ròimhe.
           Chan eil sin a’ ciallachadh nach robh na Gallaich fhathast a’ coimhead orra fhèin mar Ghallaich. Bha, gus an deach treubh Ghearmailteach a-steach airson an gabhail thairis an dèidh nan Ròmanach. B’ iad sin na Frangaich. Agus ʼs ann air an son a chaidh an Fhraing ainmeachadh. Bha dìreach aon phà irt dhen Fhraing a ghlèidh beagan dhen t-seann chà nan aig na Ceiltich. B’ e sin Armorica anns an iar-thuath, far a bheil a’ Bhreatainn Bheag an-diugh. Ach carson as e a’ Bhreatainn Bheag a chanas sinn ris an dùthaich sin, seach Armorica? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Ceiltich: Celts; Iulius Cèasar: Julius Caesar; riaghladair: governor; Frangaich: Franks.
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: A’ Ghall: Gaul. Have you noticed that this is identical to our word gall for a foreigner or non-Gaelic speaker? Isn’t rather strange that the Gaelic word for a Gaul came often to mean a Germanic non-Celtic speaker (particularly Norse and Lowlanders)? Perhaps it demonstrates that the Gallic language was not viewed historically as being akin to Gaelic – they had already diverged significantly from their common Celtic roots. It should be noted that the ‘d’ in ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ indicates it does not share the same etymology as Gall. It represents an old Gadelic (Goidelic), referring to the Q Celtic branch of the Celtic language family.
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach: fear am broinn an fhir eile: one inside the other.
Broadcasts
- Sun 4 Mar 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Mar 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.