25/02/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain 'sa. Litir à ireamh 971.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 667
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 971
Duration: 05:00
Litir 971: Na Ceiltich (2)
Tha mi a’ dèanamh sreath Litrichean an-drà sta air na Ceiltich. Bha mi ag innse dhuibh mu mar a chaidh treubhan Ceilteach gu ruige Anatoilia anns an treas linn ro Chrìosd. Thug iad an t-ainm Galatia don sgìre far an do rinn iad tuineachadh. Tha e timcheall far a bheil prìomh bhaile na Tuirc – Ankara – an-diugh. Chan eil cus fianais arceòlach air na Ceiltich an sin, ach rinn feadhainn eile, gu h-à raidh Greugaich, aithris orra. Am measg nam faclan anns a’ chà nan aca, a bhiomaid ag aithneachadh an-diugh, bha bardoi airson ‘bà ird’ agus marka airson ‘marc’ no ‘each’.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tro thìde, thathar a’ smaoineachadh gun do dh’ionnsaich mòran de na Galatianaich Greugais cuideachd. Goirid an dèidh linn Chrìosda, sgrìobh Naomh Pòl litir thuca mu dheidhinn Crìosdachd. Bha an litir ann an Greugais. Tha i air a gleidheadh anns a’ Bhìoball. ʼS e an naoidheamh leabhar anns an Tiomnadh Nuadh Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ach ghlèidh na Galatianaich an seann chà nan cuideachd. Rinn an Naomh Iaròm aithris orra anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Sgrìobh e gun robh an cà nan aca gu math coltach ris an tè a bh’ air a bruidhinn le treubh ris an canar na Treveri. Bha na Treveri a’ fuireach far a bheil Lugsamburg, ceann an earra-dheas na Beilg agus taobh an iar na Gearmailt an-diugh. Bha Iaròm gu math eòlach air an treubh sin, agus bha e na chà nanaiche. Gu dearbh, rinn e eadar-theangachadh dhen Bhìoball bhon Eabhrais gu Laideann.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha a’ chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur e cà nan Ceilteach a bh’ aig na Treveri. Mar sin, ʼs e cà nan Ceilteach a bh’ aig na Galatianaich còrr is sia ceud bliadhna an dèidh dhaibh a dhol a Ghalatia. Agus tha aithris eile ann gun robh an cà nan fhathast beò anns an t-siathamh linn an dèidh Chrìosda.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha na Ceiltich cuideachd far a bheil an Eadailt an-diugh. Bha iad ann cho fad’ air ais ris an t-siathamh linn ro Chrìosd. Mean air mhean, bhon treas ceud a-mach, thà inig iad fo smachd na Ròimhe agus chaidh an cà nan à fianais. Bha iad cuideachd far a bheil an Spà innt an-diugh. ʼS e an t-ainm a bh’ orra na Ceiltiberianaich, agus thug iad buaidh air na daoine a bha a’ fuireach far a bheil Portagail. Ach cha robh iad air taobh sear na dùthcha no air costa na Mara Meadhan-tìrich.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Anns an treas linn ro Chrìosd, thòisich Carthage air ìmpireachd a chruthachadh far a bheil an Spà innt. Air sgà th sin, chaidh Ceiltich gu leòr a shabaid à s leth Charthage an aghaidh na Ròimhe. An dèidh do na Ròmanaich buannachadh an aghaidh Charthage, fhuair na Ceiltiberianaich an saorsa. Ach, mean air mhean, thug an Ròimh buaidh orra agus timcheall à m beatha Chrìosda bha na Ceiltiberianaich air fad fo smachd na Ròimhe. Fhad ʼs a bha na Ròmanaich a’ riaghladh, dh’fhalbh cà nan nan Ceilteach anns na dùthchannan sin.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Gu tuath air Iberia, bha A’ Ghall – dùthaich mhòr ris an canar ann am Beurla ‘Gaul’ agus ann an Laideann ‘Gallia’. ʼS e sin as coireach gum bithear ag rà dh ‘Gallic’ mar bhuadhair, a’ ciallachadh ‘Frangach’, eadhon an-diugh. Bha na Ceiltich an sin o chionn fhada. Anns a’ cheann a deas, thà inig iad fo bhuaidh nan Greugach a bha stèidhichte ann am Massalia – far a bheil Marseille an-diugh. Bheir sinn sùil air Ceiltich na Gaill an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Ceiltich: Celts; sreath Litrichean: a series of Litrichean; an Naomh Iaròm: St Jerome; Ceiltiberianaich: Celtiberians; costa na Mara Meadhan-tìrich: the Mediterranean coast; A’ Ghall: Gaul.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mu mar a chaidh treubhan Ceilteach gu ruige Anatoilia anns an treas linn ro Chrìosd: about how Celtic tribes went to Anatolia in the third century BC; far an do rinn iad tuineachadh: where they settled, colonized; prìomh bhaile na Tuirc: the capital of Turkey; chan eil cus fianais arceòlach air: there’s not too much archaeological evidence of; a bhiomaid ag aithneachadh: that we would recognize; tro thìde, thathar a’ smaoineachadh gun: through time, it’s thought that; sgrìobh Naomh Pòl litir thuca mu dheidhinn Crìosdachd: Saint Paul wrote them a letter about Christianity; air a gleidheadh anns a’ Bhìoball: retained in the Bible; an naoidheamh leabhar anns an Tiomnadh Nuadh: the ninth book in the New Testament; Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach: The Letter of the Apostle Paul to the Galatians; Lugsamburg, ceann an earra-dheas na Beilg agus taobh an iar na Gearmailt: Luxembourg, the south-east of Belgium and the west of Germany; bha e na chà nanaiche: he was a linguist; bhon Eabhrais gu Laideann: from Hebrew to Latin; còrr is sia ceud bliadhna an dèidh dhaibh a dhol a: more than six hundred years after going to; far a bheil an Eadailt: where Italy is; thà inig iad fo smachd na Ròimhe agus chaidh an cà nan à fianais: they came under the control of Rome and their language disappeared; chaidh Ceiltich gu leòr a shabaid às leth Charthage an aghaidh na Ròimhe: many Celts went to fight for Carthage against Rome; an dèidh do na Ròmanaich buannachadh: after the Romans won; timcheall à m beatha Chrìosda: around the time of Christ’s life; ʼs e sin as coireach gum bithear ag rà dh ‘Gallic’ mar bhuadhair, a’ ciallachadh ‘Frangach’: that’s why ‘Gallic’ is used [said] as an adjective meaning ‘French’.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Mean air mhean, bhon treas ceud a-mach, thà inig iad fo smachd na Ròimhe: little by little, from the third century onwards, they came under the control of Rome. Although we often use ‘linn’ for ‘century’, it also has other meanings eg ‘period, era, age’ (rather than the strict meaning of a hundred years). Ceud is a more specific word for ‘century’, although less commonly used than ‘linn’ in everyday speech.
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach: Bha iad ann cho fad’ air ais ris an t-siathamh linn ro Chrìosd: they were there as far back as the sixth century BC.
Broadcasts
- Sun 25 Feb 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Feb 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.