11/03/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 973.
Last on
Corresponding Litir
Litir do Luchd-ionnsachaidh 973
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 973
Duration: 05:00
Litir 973: Na Ceiltich (4)
Anns an treas linn an dèidh Chrìosda, bha crìonadh mòr eacanomaigeach anns a’ Ghaill. Ann an Armorica, anns an fhìor iar-thuath dhen mhòr-thìr, chrìonaich an sluagh an cois a’ chrìonaidh eacanomaigich. An ceann greis, ghluais feadhainn ùra a-steach, a’ gabhail a’ chothruim air an fhearann a bha saor. ʼS ann à Breatainn a bha iad. Agus ʼs e sin as coireach gun can sinn A’ Bhreatainn Bheag ris an dùthaich sin an-diugh. Tha fios agaibh fhèin far a bheil A’ Bhreatainn Mhòr!
           Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun robh an seann chà nan Ceilteach fhathast beò ann an Armorica nuair a thà inig na daoine ùra a-steach. ʼS e Ceiltich a bh’ anntasan cuideachd. Às an dà chà nan, a bha dlùth ri chèile, dh’èirich a’ Bhreatannais, a th’ air a bruidhinn le feadhainn fhathast anns a’ Bhreatainn Bhig.
           Chan eil e uile-gu-lèir soilleir carson a ghluais daoine à Breatainn gu ruige Armorica. Sgrìobh fear Cuimreach anns an dà rna linn deug gun tug ceannard Breatannach, Conan Meriadec, sluagh leis aig deireadh a’ cheathramh linn. Agus gun robh e a’ leantainn stiùireadh ceannard nan Ròmanach ann am Breatainn – Magnus Maximus.
           Tha dùil an uair sin gun do ghluais barrachd Bhreatannach gu ruige a’ Bhreatainn Bheag anns a’ chòigeamh agus siathamh linn. Timcheall na bliadhna ochd ceud (800) b’ e Seann Bhreatannais cà nan nan daoine eadar Brest is Rennes, ach a-mhà in gun robh sgìre faisg air Kemper far an robh Seann Fhraingis aca.
           An dèidh dhaibh an neo-eisimeileachd a ghleidheadh an aghaidh nam Frangach agus nan Lochlannach, thug Rìgh na Breatainne Bige ùmhlachd do Rìgh na Frainge anns an deicheamh linn. Bha a’ Bhreatainn Bheag a-nise na diùcachd, seach na rìoghachd. Thugadh an diùcachd a-steach don Fhraing gu h-oifigeil anns an t-siathamh linn deug.
           Tro thìde chaill a’ Bhreatainn Bheag a h-eaglais neo-eisimeileach agus a pà rlamaid. Thà inig i fo bhuaidh chultarail na Frainge agus an dèidh Ar-a-mach na Frainge, dh’fhuiling a cà nan claon-bhà idh. Ach tha fèin-aithne là idir aig muinntir na Breatainne Bige chun an latha an-diugh.
           Chan e eilthireachd aon-rathaideach a bh’ ann eadar Breatainn agus a’ mhòr-thìr, ge-tà . Tha aithrisean ann mu Ghaill – an dà chuid à Gallia Celtica agus Gallia Belgica – a chaidh a dh’fhuireach ann am Breatainn ri linn nan Ròmanach. Ach chan eil sgoilearan dhen bheachd gun robh gluasad mòr ann de shluagh eadar mòr-thìr na h-Eòrpa agus Breatainn. Agus, aig an ìre seo, chan eil sinn cinnteach cuin a thà inig na cà nanan Ceilteach a Bhreatainn no ciamar.
           Ann an ceann a deas Bhreatainn, far a bheil Sasainn an-diugh, thug na Ròmanaich buaidh mhòr air an t-sluagh. Thà inig riaghladh na Ròimhe gu crìch anns a’ bhliadhna ceithir cheud ʼs a deich (410). Goirid an dèidh sin, thòisich treubhan Gearmailteach air a dhol a Bhreatainn. B’ iad an fheadhainn a bu chumhachdaiche dhiubh na h-Anglaich agus na Sagsannaich.
           Anns a’ bhliadhna sia ceud, bha dìreach ceithir sgìrean ann am Breatainn far an robh cultar is cà nan nam Breatannach là idir. B’ iad sin Srath Chluaidh, Rheged, far a bheil Cumbria an-diugh, A’ Chuimrigh agus A’ Chòrn. Ceud bliadhna an dèidh sin, bha Rheged air a dhol a-steach a Shasainn. Bheir sinn sùil air na Breatannaich agus an sliochd an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Ceiltich: Celts; Breatannais: Breton (language); a’ leantainn: following; Kemper: Quimper; »å¾±Ã¹³¦²¹³¦³ó»å: duchy; ´Úè¾±²Ô-²¹¾±³Ù³ó²Ô±ð: identity.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an treas linn an dèidh Chrìosda: the third century BC; bha crìonadh mòr eacanomaigeach anns a’ Ghaill: there was a large economic downturn in Gaul; a’ gabhail a’ chothruim air an fhearann a bha saor: taking advantage of the land that was free; ʼs e Ceiltich a bh’ anntasan cuideachd: they were Celts also; a bha dlùth ri chèile: which were close to each other; chan eil e uile-gu-lèir soilleir: itʼs not entirely clear; anns an dà rna linn deug: in the twelfth century; gun tug ceannard Breatannach sluagh leis aig deireadh a’ cheathramh linn: that a British chief took people with him at the end of the fourteenth century; an dèidh dhaibh an neo-eisimeileachd a ghleidheadh an aghaidh nam Frangach agus nan Lochlannach: after they had retained their independence against the French and the Vikings; thug Rìgh na Breatainne Bige ùmhlachd do Rìgh na Frainge: the King of Brittany accepted the overlordship of the King of France; thà inig i fo bhuaidh chultarail na Frainge: it came under the cultural influence of France; an dèidh Ar-a-mach na Frainge, dh’fhuiling a cà nan claon-bhà idh: after the French Revolution, the language suffered prejudice; chan e eilthireachd aon-rathaideach a bh’ ann eadar Breatainn agus a’ mhòr-thìr: itʼs one-way migration that took place between Britain and the continent; ri linn nan Ròmanach: at the time of the Romans; thà inig riaghladh na Ròimhe gu crìch: the rule of Rome came to an end; b’ iad sin Srath Chluaidh, Rheged, A’ Chuimrigh agus A’ Chòrn: those were Rheged, Wales and Cornwall.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a th’ air a bruidhinn le feadhainn fhathast anns a’ Bhreatainn Bhig: that is still spoken by some people in Brittany. Because we use the article with the Gaelic for Brittany ie A’ Bhreatainn Bheag, and because the noun is feminine, we slenderise the adjective in the dative singular case. Similarly in the genitive singular we say [muinntir] na Breatainne Bige. With reference to Great Britain, the model has changed over time and we no longer employ the article. We say ann am Breatainn in the dative and [muinntir] Bhreatainn in the genitive, with lenition being the genitive marker, rather as it is with Sasainn (ann an Sasainn, muinntir Shasainn).
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach: chrìonaich an sluagh an cois a’ chrìonaidh eacanomaigich: the population declined along with the economic decline.
Broadcasts
- Sun 11 Mar 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Mar 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.