18/02/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain 'sa. Litir à ireamh 970.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 666
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 970
Duration: 05:00
Litir 970: Na Ceiltich (1)
Halò, a-rithist. Anns na seachdainean romhainn, tha mi a’ dol a dhèanamh sreath Litrichean air na Ceiltich. Bidh fios agaibh gur e cà nan Ceilteach a th’ anns a’ Ghà idhlig. Uaireigin, bha na Ceiltich nan sluagh cumhachdach a bha a’ fuireach thairis air mòran sgìrean anns an Roinn Eòrpa. Bheir sinn sùil orra anns na seachdainean air thoiseach oirnn.
           Thathar a’ smaoineachadh gun robh na Ceiltich – feadhainn aig an robh cà nan Ceilteach – mu-thrà th rin lorg ann am mòran cheà rnaidhean anns an ochdamh linn ro Chrìosd. Bha iad ann ri Linn an Umha agus ri Linn an Iarainn – ann am meadhan na Roinn Eòrpa, far a bheil an Fhraing an-diugh agus ann am Breatainn is Èirinn.
           Tha mi airson ar n-eachdraidh a thòiseachadh anns a’ bhliadhna trì cheud is naochad (390) ro Chrìosd. Aig an à m sin, bha na Ceiltich ann am meadhan na mòr-thìr an sàs ann an eilthireachd. Chaidh feadhainn tarsainn nam Beanntan Ailpeach gu ruige far a bheil ceann a tuath na h-Eadailt an-diugh. Lean iad orra agus rinn iad sgrios air baile air a bheil sinn uile eòlach – An Ròimh. Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do chuir na Ròmanach romhpa an uair sin a bhith cho là idir ʼs nach dèanadh treubhan Ceilteach sgrios orra mar sin tuilleadh.
           Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do lagaich na Ceiltich cultar is eaconamaidh nan Eatruscanach. B’ e sin sluagh cumhachdach a bha a’ fuireach gu tuath air an Ròimh. Agus bha treubhan Ceilteach cuideachd a’ gluasad gu sear. Bha tosgairean Ceilteach ann an cùirt Alasdair Uaibhrich, rìgh ainmeil Mhasadoinia. Chaidh iad cho fada ris a’ Mhuir Dhubh agus dh’fheuch iad ri faighinn a-steach a cheann a deas na Grèige ann an dà cheud, seachdad ʼs a naoi (279) RC.
           Chaidh an armailt aca cho fada ri Delphi, baile ainmeil naomh. Bha iad ag amas air an stuth phrìseil a bh’ air a chumail sa bhaile sin fhaighinn dhaibh fhèin. Chan eil e soilleir dè thachair. Tha cunntasan anns a’ Ghrèig gun do rinn cur is cathadh agus maoimean-slèibhe dìon air a’ bhaile. Tha cunntasan eile ann gun robh na Ceiltich soirbheachail agus gun tug iad ulaidh leotha gu na dùthchannan aca fhèin.
           Ge brith dè thachair, cha do dh’fhuirich na Ceiltich anns a’ Ghrèig. Bha na Greugaich a’ toirt ionnsaigh orra fad na h-ùine, chaill iad an ceannard aca agus chaidh iad an comhair an cùil air ais gu na dùthchannan Ceilteach.
           Ach thachair rudeigin eile a lagaich armailt nan Ceilteach anns a’ Ghrèig. Dh’fhalbh mòran dhiubh – timcheall air fichead mìle uile-gu-lèir – gu ruige Anatoilia, seach a bhith a’ fuireach anns a’ Ghrèig. ʼS e Anatoilia dùthaich mhòr ris an canadh na Ròmanaich Asia Minor. An-diugh tha e anns an Tuirc.
           Carson a chuir na Ceiltich seo romhpa a dhol gu Anatoilia, ge-tà ? Uill, fhuair iad cuireadh a dhol ann. Bha Rìgh Greugach ann an Anatoilia – fear Nicomedes I, Rìgh Bhithynia. Thug esan cuireadh do na Ceiltich sin a dhol tarsainn a’ chaolais faisg air Byzantium (far a bheil Istanbul an-diugh), agus leantainn orra gu meadhan Anatolia. Bha trì treubhan mòra ann – na Tolistobogii, na Tectosages agus na Trocmi – agus treubhan beaga a bharrachd, ach bha an aon chà nan aca – cà nan Ceilteach. Thug iad an ainm don sgìre anns an do rinn iad tuineachadh – Galatia.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Ceiltich: Celts; eilthireachd: emigration; An Ròimh: Rome; luchd-eachdraidh: historians; A’ Mhuir Dhubh: The Black Sea; armailt: army; naomh; sacred; cunntasan: accounts; lagaich: weakened; An Tuirc: Turkey; cuireadh: invitation; treubhan: tribes.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Anns na seachdainean romhainn: in the weeks ahead [of us]; uaireigin, bha na Ceiltich nan sluagh cumhachdach: at one time, the Celts were a powerful people; air thoiseach oirnn: in front of us; thathar a’ smaoineachadh: it’s thought; gun robh na Ceiltich mu-thrà th rin lorg ann am mòran cheà rnaidhean anns an ochdamh linn ro Chrìosd: that the Celts were already to be found in many areas in the eighth century before Christ; bha iad ann ri Linn an Umha agus ri Linn an Iarainn: they were there during the Bronze Age and Iron Age; tha mi airson ar n-eachdraidh a thòiseachadh: I want to start our story; far a bheil ceann a tuath na h-Eadailt an-diugh: where the north of Italy is today; cho là idir ʼs nach dèanadh treubhan Ceilteach sgrios orra mar sin tuilleadh: so strong that Celtic tribes would never again destroy them like that; gun do rinn cur is cathadh agus maoimean-slèibhe dìon air a’ bhaile: that snow storms and landslides protected the town; soirbheachail agus gun tug iad ulaidh leotha: successful and that they took treasure with them; agus leantainn orra gu meadhan Anatoilia: and to continue to the centre of Anatolia; thug iad an ainm don sgìre anns an do rinn iad tuineachadh – Galatia: they gave their name to the area they colonized - Galatia.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha tosgairean Ceilteach ann an cùirt Alasdair Uaibhrich, rìgh ainmeil Mhasadoinia: there were Celtic ambassadors at the court of Alexander the Great, the famous king of Macedonia. The genitive form of Alasdair Uaibhreach is Alasdair Uaibhrich. In recent times there has been a tendency with an indefinitive masculine noun in the genitive singular, where an adjective is present, for neither noun or adjective to be inflected for the genitive eg geansaidh balach beag rather than geansaidh balaich bhig. With given names, however, we tend to be more conservative and stick to the older model eg Taigh Sheumais Mhòir for ‘Big Jimmy’s house’ rather than Taigh Seumas Mòr.
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach: chaidh iad an comhair an cùil air ais gu na dùthchannan Ceilteach: they went backwards back to the Celtic lands.
Broadcasts
- Sun 18 Feb 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Feb 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.