An t-Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt
Còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. A Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Snizort Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 24: 1-2 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Òib.
Salm 60: 3-4 air fonn Coleshill agus 's e Iain MacRath a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann a Loch.
Salm 16: 5-6 air fonn Free Church agus 's e Murchadh Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor na PÃ irce.
Leughadh: Soisgeul Eòin 4: 7-30
Ceann-teagaisg: Soisgeul Eòin 4: 29
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Ghluais e fhèin agus an teaghlach à Glaschu dhan Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pà irce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
Last on
Broadcasts
- Sun 4 Jun 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Jun 2017 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal