Dòmhnall A MacIllEathain, miseanaraidh a bh' aig Eaglais na h-Alba 1997
Seirbheis còmhla ri Dòmhnall A MacIllEathain (nach maireann) miseanaraidh a bh' aig Eaglais na h-Alba (1997). Archive service conducted by the late Donald A MacLean, missionary.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 67: 6-7 air fonn Stornoway agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 68:7-8 air fonn London New agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Portrigh.
Leughadh - Mata 14: 14-21
Ceann-teagaisg - Mata 14: 16
Rugadh Dòmhnall Angaidh MacIllEathain ann an Cliasamol ann an Ceann a Tuath na Hearadh ann an 1922. Bhuineadh an teaghlach don Sgarp agus cha do chaill e an dà imh a bh' aige do dh'eilean beag à raich.
Ged nach robh anns an Sgarp ach eilean beag, rugadh grunn math dhaoine air an eilean a rinn seirbheis don eaglais mar mhinistearan agus mar mhiseanaraidhean ann an Alba agus thall thairis. Bha Dòmhnall Angaidh suidhichte mar mhiseanaraidh aig Eaglais na h-Alba, ann an Loch Croistein ann an Leòdhas, ann am Barraigh, ann an Cà irinis an Uibhist a Tuath, ann am Mà raig, ann an Cul nan Cnoc anns an Eilean Sgitheanach, agus mu dheireadh ann an Àird a' Bhà sair. A bharrachd air a sin bhiodh e a' cuideachadh ann an sgìrean eile.
Bha Dòmhnall Angaidh pòsta aig Nina agus bha còignear de theaghlach aige - triùir nighean agus dithis ghillean agus bha ceathrar oghaichean aige.
Thug e seachad a' chiad searmon ann an Cille Mhoire agus am Paibeil ann an Uibhist a Tuath ann an 1947, agus shearmonaich e airson an turas mu dheireadh anns an Ath Leathann, an oidhche mun do chaochail e, Didòmhnaich an treas latha den Ghiblean 2005.
An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth bha Dòmhnall Angaidh a' fuireach ann an Slèite. Bha Gà idhlig shiùbhlach bheartach muinntir na Sgarp aige agus bha e mion-eòlach air beul-aithris. Bha cuimhne mhìorbhaileach aige agus chumadh e cuimhne, cha mhòr facal air an fhacal, air searmoin a chuala e. Bha e sgileil mar iasgair agus mar shealgair.
Last on
Broadcasts
- Sun 4 Jun 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Jan 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal