An Canan Seumas MacNèil, cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille anns an Òban
Seirbheis còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèil bho Àrd Eaglais Naomh Chaluim Chille anns an Òban. A Gaelic service conducted by Canon James MacNeil of St Coumba's Cathedral, Oban.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr a' seinn "Seo an gaol mar mheud na mara, Kyrie, Gloria agus Salm 32
Pauline NicDhòmhnaill a' seinn Salm 23
Kathleen NicAonghais le taic bho Mhà iri NicAonghais a' seinn "Dèan Mise nam Thosgaire Dhè do Shìth".
Leughaidhean:
Gnìomharan nan Ostail 1: 12-14
1 Peadar 4: 13-16
Eòin 17: 1-11
Rugadh Mgr. Seumas air Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.
Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.
Bha Mgr. Seumas na Iar-Easbaig air Sgìr-easbaig Earra-Ghà idheil agus nan Eilean gu bho chionn ghoirid agus tha e fhathast stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.
Last on
Broadcasts
- Sun 28 May 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 May 2017 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal